The Project Gutenberg EBook of Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ross, by 
Alexander Fraser

This eBook is for the use of anyone anywhere at no cost and with
almost no restrictions whatsoever.  You may copy it, give it away or
re-use it under the terms of the Project Gutenberg License included
with this eBook or online at www.gutenberg.org


Title: Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ross

Author: Alexander Fraser

Release Date: May 29, 2012 [EBook #39849]

Language: Scots Gaelic

Character set encoding: ISO-8859-1

*** START OF THIS PROJECT GUTENBERG EBOOK GEARR-SGEOIL AIR SIR SEORAS ***




Produced by David T. Jones, James Wright, Michael Bauer
of Gaelic translation services www.akerbeltz.com, Ross
Cooling and the Online Distributed Proofreading Canada
Team at http://www.pgdpcanada.net










                              GEARR-SGEOIL

                                  AIR

                         SIR SEORAS UILLEAM ROS

                                AGUS AIR

                        MAR A THUINICH NA GAIDHEIL
                         ANN AN CANADA UACHDRACH

                                 LEIS AN
                         OLLAMH ALASDAIR FRISEAL


                              TORONTO, 1915




                           FACAL TOISEACHAIDH


Is toigh le sluagh la-an-diugh a bhith leughadh eachdraidh-beatha
dhaoine ainmeil: tha e iomchuidh gu'm bitheadh na Gaidheil cuimhneachail
air dilanaich an cinnidh fein, agus tha e 'na aobhar brin cho beag 's
a chaidh chur a'n cl mu Ghaidheil iomraiteach Chanada, am measg an robh
daoine cliiteach a choisinn moladh an co-dhuthchaich.

Bho thoiseach iteachaidh Chanada bha na Gaidheil am follais. Bha iad
ann an armailt Wolfe aig Louisburg agus aig Quebec far an do thionndaidh
iad an latha. An deidh na sthe fhuair iad obair eile ri dheanamh. Thog
iad fearann, chaidh iad a stigh gu doimhneachd na coille a bhuinnig
dhachaidhean dhaibh fein. Shoirbhich leo is dh'fhs iad lionmhor: anns
gach gairm is gniomh bha iad deas; lesan shocraicheadh seol-riaghlaidh
agus mran de laghanan bunabhasach na tre. Bhitheadh e chum
toil-inntinn an gineil--dh'fhaoidte chum an leas--na 'm bitheadh iomradh
orra air a ghleidheadh leinne.

'S i 'n smuain so a mhin ceann-fth an sgeoil ghoirid so mu Ghaidheal
Chanadach nach d'rinn dearmad riamh air Tr nam Beann.




                             SIR SEORAS ROS




                                   I.


San t-seann aimsir b'abhaist do na Gaidheil caoidh mr a dhanamh mu
bhs ceann-cinnidh, no neach eile air an robh mr spis. B' e dleasanas
a' phiobaire an coronach a thogail ri toirm na pioba; dleasanas a'
bhird cli an laoich a chur air fonn nan dn. B' i so an duais a b'
irde ris an robh dil aig na flaithean Gaidhealach 's an t-saoghal so,
maraon duais nam marbh agus misneachadh nam beo; oir cha robh rd no
iosal gun deidh air deagh bheachd a ghinealaich fein, agus air ite
urramach fhaotainn ann an eachdraidh bhuan a dhuthcha.

Tha brdachd Oisein luchdaichte le trom thrsa airson nam marbh gaisgeil
a chuir deagh chomhraig 's a thuit 's a bhlr:--

      'Charuill, tog do ghuth gu h-rd
      Air gach linn a bh' ann nach be;
      Caithear oidhche ann am mn dhn;
      Faighear girdeachas 's a' bhrn.
      'S iomadh saoi is igh 'bu chaoin
      'Ghluais o ths a'n Innis-fil.
      Is taitneach din air na laoich
      O thaobh Alba nam fuaim rd.
      'N uair a dh' aomas farum na seilg
      Fo ghuth Oisein nan caomh-rann,
      'S a fhreagras aonach an deirg
      Sruth Chna nan toirm mall.
                        --FIONN. D. I. 565

Agus, a rithis, mar tha e ag imeachd le ceum stideil na h-aoise:--

    A ghutha Chna, 's irde fuaim,
    A bhrda tha luaidh mu aois,
    Do'n eirich air 'ur n-anam suas,
    Feachdan mr' nan gorm chruaidh laoch.
    'S taitneach leam aoibhneas a' bhrin,
    Fo 'n lb geug dharaig nan trr,
    'S an duileach g ag eirigh maoth,
    Togaibh-se, mo bhird, am fonn.

Cha 'n fheil carrachan-cuimhne a's bragha no a's maireannaiche na
iadsan a dheilbheadh leis na bird mhra,--Alasdair Mac-Mhaighstir
Alasdair, Dunncha Bn Mac-an-t-saoir, Iain Lom, Iain MacCodrum, agus
Iain Moireastan, Gobha na Hearradh, mar air Domhnullach na Tiseachd:--

  Bha do phearsa 's do ghluasad,
  Co tlachdmhor, ne-thuairgneach, is tlth,
  Chor 's gur tearc iad thug fuath dhuit,
  Ged bu lionmhor bha fuaidht' riut a'n grdh;
  Aig na h-slean 's na h-uaislean,
  Bha spis dhuit, ged b' uaibhreach dhiubh pirt,
  Ni dh' fhag t-iomradh g' a luaidh ac',
  Mar sgeul brin o'n l chual iad do bhs.




                                  II.


Cha 'n fheil e 'n am chomas cli Shir Seorais Rois a chur an cill air
an doigh so, ann an duan no ran, ach, mar sheanachaidh feuchaidh mi ri
clach a chur 'n a chrn.

B' e athair, Seumas Ros, a mhuinntir Inbhir-feotharain, a'n Siorramachd
Rois. Mar a dh'fhs e suas chaidh e gu sgre Eadardain, air taobh an
ear-thuath de'n t-siorramachd. Bha e 'n a bhall measail de chomhthional
Mhr. Chamshroin, agus tha ainm fathasd air chuimhne am measg nan seann
daoine. Agus b'i mhthair Eilidh Nic-Fhionnghain, a bhuineadh do
theaghlach a chaidh o Inbhirnis gu taobh tuath fadhlach Chrombaigh, a 'n
Siorramachd Rois. Bha deagh chli oirre 's a' choimhearsnachd, agus mar
a fear-posda fhuair i mr spis bho cirdean 's an t-seann dthaich. Bha
chraid so de fhuil ghlan Ghaidhealach fad iomadh ginealach; bha iad ni
b'eolaiche air an teangaidh Ghaidhlig na bha iad air a' bheurla
Shasunnach, agus b' abhaist do Shir Seoras, am mac, uaill a dheanamh
gu'n d'fhuair e cnain agus smior a shinnseara gun smal gun ghiamh orra.

Mar a rinn mran Ghaidheal eile 's an am, thriall Seumas Ros agus a
bhean gu Canada, "tir a' gheallaidh" an la ud mar an diugh. Ach tha
atharrachadh mr eadar suidheachadh Chanada an diugh, 's an d. Tha e
furasda do'n eilthireach a shlighe a dheanamh an diugh gu Canada an
coimeas ris an turus cheudna a ghabh Seumas Ros mu thri fichead bliadhna
's a dha dheug roimhe so. An diugh foghnaidh da sheachdain air muir, is
aon seachdain air tr ge b'e cho fada 's a tha aig neach ri dhol. An sin
ghabhadh e s no seachd seachdain air cuan agus seachdain no'n crr air
loch is abhainn, a bharrachd air an ine thar ridean garbh-thollach
tulganach, neo-shocaireach tre'n fhsach, air am bitheadh e fein, a
theaghlach, 's a chuid de'n t-saoghal air an tarruing air slaod-dhaimh
gun dad a chabhaig.

Thog an Rosach fearann ann am Middlesex aig Naruinn, ite a bha air
ainmeachadh air Inbhir-Naruinn anns a' Ghaidhealtachd. Thuinich comhlan
math de mhuinntir Rois 's an aite so, daoine sghail, cir, coguiseach,
nach d'fhg as an deidh air taobh thall a chuain, crbhachd an
athraichean. Anns an tr so chum iad "gu daingean samhladh firinneach
nam briathran fallain a chuala" iad 'n an oige, agus cho luath 's a
b'urrainn daibh thog iad, ann am frthean domhail Ontario, Bteil dhaibh
fein, anns an robh teagasgan mra a' Bhiobuill air an cuir an cill gu
soilleir, soisgeullach, a rir bheachd "Athraichean Rois," mar ann an
leabhar an Doctair Cheannaidich, Urramaich, nach maireann. Bha
ministearan tearc, oir bha 'n sluagh sgapta 'n am badanan beaga thall
'sa bhos thar mr astar, ach bha na daoine, mar a b' fhearr a b' urrainn
daibh, "a' cumail am mach facail na beatha"; bha frasan o'n irde ag
rachadh an fhuinn, agus a'n deagh m thainig toradh trom am mach.

Ach cha d' fhg na daoine so an cruaidh-fhortan 's am bochdainn 'n an
deidh 's a' Ghaidhealtachd. Bha eiginn agus uireasbhuidh a' feitheamh
orra a' n so, agus b' iomadh strith a bh' aca ri dheanamh a chumail an
cinn os cionn na h-an-shocair. Dh'fhg iad fearann cumhang, sluaghmhor;
thainig iad gu fearann farsuing, beag-shluaghach. 'S an t-sean aite bha
'n daimhich 's an cirdean fein aca. Ged bhitheadh an ln air uairibh
gann, gaoth an ear-thuath air uairibh greannach, cruaidh, bha'm frdach
blth le bidh do chach a cheile. 'S an tir r bha ln ri chosnadh le
neart ghairdein agus spionnadh cridhe a thug cruaidh-dheuchainn air an
neach a b'fhearr dhiubh. Cha d' thainig iad o an-shocair gu socair, ach
gu duthaich, gealltanach mar bha i, a bha doirbh ri h-iteachadh.

'S lionmhor rann a chaidh dheanamh mu chor nan Gaidheal a bha'm measg
ceud luchd-iteachaidh Chanada. Tha na rannan a leanas o'n bhrd
Mac-Gillean, Mherigomish, 'dol direach gu cridhe na cise, 'n a dhoigh
gheur-bhriathrach fein. Ged rinneadh iad air Nova Scotia tha iad fior mu
sheann Ontario, mar an ceudna:--

  'S i so an dthaich 's a bheil an cruadal
  Gun fhios do'n t-sluagh a tha tigh'nn a nall,
  Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a' bhuairidh
  A rinn le'n tuairisgeul ar toirt ann.
  Ma ni iad buannachd cha mhair i buan dhaibh,
  Cha dean i suas iad 's cha'n ioghnadh leam,
  'S gach mallachd truaghain a bhios'g an ruagadh
  Bho'n chaidh am fuadach a chur fo'n ceann.

           *       *       *       *       *

  'N uair thig an geamhradh is m na dbhlachd
  Bidh sneachda 'dlthadh ri cl nan geug,
  'S gu domhain dmhail dol thar na gline,
  'S ge maith an tribhsair cha dean i feum,
  Gun stocain dhbailt' 's a' mhocais chldaich
  'Bhith's air a dnadh gu dlth le ill;
  B'e 'm fasan r dhuinn a cosg le fionntach
  Mar chaidh a rsgadh de'n bhrid an d.

  Mar bi mi elach airson mo chmhdaich
  Gu'm faigh mi reta mo shrn 's mo bheul;
  Le gaoth a tuath a bhith's neamhail fuaraidh
  Gu'm bi mo chluasan an cunnart geur.
  Tha'n reothadh fuath'sach, cha seas an taugh ris,
  Gu'm mill e chruaidh ged a bha i geur;
  Mur toir mi blths d'i, gu'm brist an stailinn,
  'S gun dol do'n cheardaich cha ghearr i beum.

  'N uair thig an samhradh 's a miosa citean
  Bidh teas na grine 'g am fhagail fann;
  Gu'n cuir i spirid 's a h-uile creutair
  A bhith's fo islean air feadh nan toll:
  Na mathain bhisteil gu'n dean iad eirigh
  'Dhol feadh an treud 's gur-a mr an call;
  'S a chuileag inneach gu socach puinsionta
  'G am lot gu lionmhor le roinn a lainn.

  Gu'n dean i m' aodann gu h-olc a chaobadh
  Cha'n fhaic mi 'n saoghal 's ann 'bhith's mi dall,
  Gu'n at mo shuilean le neart a cungaidh
  Ro-ghuineach dridhteach tha sgh a teang.'
  Cha'n fhaigh mi aireamh dhuibh ann an dnachd,
  Gach beathach grineil a thogas ceann,
  'S cho liugha plaigh ann a 's a bh'air righ Pharaoh
  Airson nan trillean 'n uair bhth e'n cmp.

       *       *       *       *       *

Ma bha 'choille fiadhaich, fuachd a gheamhraidh is teas an t-samhraidh,
dian-chruaidh, na cuileagan, nimheil, na fiadh-bheathaichean, lionmhor,
na ridean, garbh, 's am fearann 'n a dhithreabh doirbh "As nach tugadh
an Fhinn iad fin aran," bha cridheachan nan daoine teoma, laidir, 's
cha robh gealtair 'n am measg. Mar bu chruaidhe an gnothuch b'ann bu
chalma am misneach, 's cha b' fhada gus an d'thug iad buaidh.

Thainig Seumas Ros, agus na bha leis, 's a' bhliadhna 1832. Bhuineadh am
fearann a thog iad do'n Chuideachd Chanadach agus b' i phrs da dholair
an acair. Bha 'n talamh gu leir air a chomhdach le coille mhoir,
dhmhail dhrislich. Bha craobhan de iomadh seorsa ann,--bha 'n giuthas
pailt, darach, beith, uinnseann, seudar, walnut, maple, agus mran eile
freagarrach airson thaighean agus oibre ghnathaichte na saorsainneachd.
Dh' fhosgail a' Chuideachd Chanadach aon rathad troimh 'n sgre; b'e sin
uile na rinn iad. Bha muilean-sabhaidh aig fear-ionad na Cuideachd, d'am
b' ainm Domhnull Mac-an-Toisich, faisg air laimh, ach cha robh goireas
eile 's a choimhearsnachd. B' e cheud ni a bha ri dheanamh taighean a
thogail airson fasgaidh nan teaghlaichean,--mar theirte riutha
_Shantaidhean de logaichean_--bothain de fhiodh garbh air a mheadhadh
leis an tuaigh.

Ged bu taighean beaga, fiodha bh'annta cha bu taighean suarach iad; bha
iad air an deagh thogail, goireasach agus dionach ri gaillionn a'
gheamhraidh. Dh' fheumadh neach a bhith lmh-ghleusta, elach air gnths
na tuaighe, an uird, an til, 's an tora; agus, mar an ceudna ceann
seadhail a bhi air a mhuineal mu 'n rachadh aige air taigh _logaichean_
a thogail gu ceart.

      Gu'n do dh' aithnich mi o'n uair sin
      Gu'm bu chruadalach a chuis dhomh
      Teannadh ri reiteach na coille
      'S gun mi goireasach g'a ionnsaidh.

      'M fear nach dean obair le tuaigh
      Is nach urrainn an uaisle 'ghilan
      B' fherr dha fuireach ann an Albainn;
      'S gun an fhairge gharbh a stiireadh.
                                  --Mac-GILLEAN.




                                 III.


Cha robh aoidheachd bhlth a' feitheamh air na Rosaich an uair a rainig
iad an dachaidhean r ann an Ontario, oir cha robh neach sam bith aig
ceann an uidhe a thoirt aoidheachd dhaibh. Bha 'n tr falamh, fs, ann
an staid naduir, gun chraobh air a leagadh, gun taigh air a thogail:
bha'n talamh, gun teagamh, reamhar, trom, ach bha i air a tur-chomhdach
le coille gharbh a dh'fheumta chur deth bonn. B'e cleachdadh nan
Gaidheal ann an Canada, gach coibhneas a' nochdadh d'an luchd-duthcha a
bhitheadh a tighinn d'an ionnsuidh. Bha iad lamh-fhosgailte, fialaidh
d'an co-chreutairean, gu h-raidh d'am muinntir fein. Mar bu tric
bhitheadh fios aca mios no dha roimh laimh gu'n robh seana
choimhearsnaich a' tighinn, agus dheantadh ullachadh air an son. Aig an
am cheart rachadh neach elach g'an coinneachadh air an t-slighe, chum
an trerachadh gu baile, far am bitheadh cairtealan deas air an son am
measg nan cirdean. Gheibheadh iad filteachadh cridheil, coibhneil,
agus an deidh la no dha 'dhol seachad a'leagail dhiubh sgios an turuis,
rachadh fearann freagarrach a thogail air an son. Air dha so bhi deanta
thisicheadh an obair gun dil; agus b'i sin an obair!

B'e cheud ni ite a thaghadh airson taigh-comhnuidh agus treabhair,
faisg air am bitheadh uisge math airson duine is ainmhidh. Bu tric so
air bruaich sruthain far an cluinnte torman caoin an uisge, no air
brigh tomain seasgair, a ghlacadh araon de rail an t-samhraidh agus
gaoth ghrianach an fhogharaidh. Ach air iomadh baile-fearainn cha robh
idir sruth no tom, loch no bealach; bha mhrchuid 'na mhachair
chomhnaird fad mhltean air gach taobh. Air tr de'n t-sersa so dh'
fheumta tobar a chladhach fada fodha 's an talamh, agus ri thaobh
rachadh na taighean a chur suas. Air do'n bhaile agus lrach nan
taighean a bhith air an taghadh, chruinnicheadh na coimhearsnaich gus an
togail. Bhitheadh obair ann daibh uile. Bhitheadh na craobhan ri
ghearradh sios chum lraich a dheanamh do'n taigh, oir b' ann 's a'
choille a bha 'n gniomh ri dheanamh. Dh' fheumadh an lrach a bhith cho
farsuing 's nach tuiteadh craobh 's am bith a leagadh stoirm air an
taigh. Rachadh, a'n sin, lrach an taighe a thomhas, agus a reiteachadh,
agus rlar comhnard, reidh a dheanamh airson nan semar. Mur bu tric
bhitheadh na taighean de'n aon mheud is dealbh; far am bitheadh
teaghlach mr, bhitheadh semar no dha a bharrachd air an cuir ris an
taigh, ach am bitheantas 's i bhitheadh ann fardach de tri no ceithir a
shemraichean, mu dheich throidhean fichead air a fad, agus mu fhichead
troidh air a leud. Anns a' chuid bu mhotha dhiubh bhitheadh lobhta air
am bitheadh ite-laidhe ganaich an teaghlaich, agus, ri cliathaich an
taighe bu dual do shemar cil no dha a bhi ann airson nan nighean. Fo'n
rlar bhitheadh seilear air a cladhach, anns am bitheadh measan,
luibhean-graidh, biadh is annlann air an dion bho theas 's bho fhuachd
na h-aimsir. B'ann car mar sin bha cumadh nan taighean-comhnuidh a bha
nis gu bhith air an togail. Bha 'n sgil bu mhotha feumail airson
oisinnean an taighe agus bhitheadh ceathrar dhaoine tapaidh a'
frithealadh do'n ghnothuch sin. Bhitheadh na craobhan bu fhreagarraiche
air an gearradh sios 's air an slaodadh le daimh gus an lrach.
Bhitheadh iad a'n sin air an leagail sios 's an ite cheart, a' cheud
shreath air bunchar cloich, agus chuireadh na h-oisinnich a'n eagan a
cheile iad, g'am fiaclachadh gu gramail, eagnaidh, mar bu chir. Ged
nach robh inneal saorsainneachd aig na daoine ach an tuagh, bhiodh
oisinnean agus ursainnean an doruis is nan uinneag air an gearradh cho
glan, 's air an suidheachadh cho coimhlionta 's ged bu chlachan snaighte
de'm bitheadh iad air an deanamh. Mar a rachadh na ballachan suas
bhitheadh sogan air na daoine, oir bu taitneach an ni a bhith faicinn na
h-aitreibh ag iridh gu h-eireachdail fo'n laimh. Sreath air sreath,
craobh air a sneadh air craoibh, rachadh na ballachan suas gu irde
ochd no naoidh troidh, agus, a' n sin, thoisichte air am mullach a
thoirt a steach. Cha b' ionnan mullaich nan taighean so agus mullaich
nan seann taighean beaga Gaidhealach. A'n so cha robh maidean-ceangail
mra, maide-droma, sparran-tarsuing, sailthean taobhanach, cabair,
ceannabhaidhean, no maide-feannaig. Agus cha robh am mullach, biorach,
rd, no cas, mar 's an t-seann dthaich, ach, an cumantas, car plod,
iosal; gun ach beagan claonadh bho'n druim-rd gu brigh a' bhalla.
Bhitheadh am mullach air a thoirt a steach, le bhith cur craoibh air na
tulchainnean, 's air na taobhan, uair mu seach gus an tigeadh an da
thaobh, uidh air an uidh, ri chile, 's a'n sin bhitheadh am mullach
deas airson an tughaidh. Cha b'ann de sgrath, no fraoch, no fodar a
bhitheadh an tughadh, ach mar bu tric de rsg chraobhan mra, mar am
beith no'm _basswood_. Bu ghnth le an rsg a ghearradh a'm bloidhean
gach aon mu cheithir troidhean air fad, agus bho throidh gu ochd oirlich
deug air leud. Rachadh an tairngneadh ris na taobh-shailthean, car
coltach ris mar a chuirear sgliatan suas, oir na h-aoin a' tighinn dha
na thri oirlich thairis air oir na h-aoin eile. Bha so a' toirt an deagh
thughadh dhaibh, donach agus blth agus buan. Bhitheadh an teintean aig
ceann an taighe. Bho lic gu mullach bhitheadh an similear air a dheagh
chreadhadh, agus b' ainneamh an aon anns nach bitheadh tarruing mhath
air a' che. A rir a chomais chuireadh neach rlar fiodh, leachdan, no
creadh, 'n a thaigh, an toiseach, ach cia air bith mar thisichte, cha
b'fhada gus am bitheadh an fhardach seasgair, goireaseach.

A chionn nach robh na craobhan de'n robh am balla air a thogail,
snaighte, bhitheadh iomadh fosgladh eadar na sreathan tre 'n tigeadh
gaoth is fuachd, agus chum so a bhacadh thionailte coinneach agus
spealgan de fhiodh 's rachadh an dinneadh a stigh anns na tuill gus nach
fgta a h-aon diubh ne-dhionach.

Mu'n tigeadh an geamhradh rachadh taobh muigh agus taobh stigh an taighe
a chreadhadh, oir cha robh aol deiseil an toiseach. N' am bitheadh mran
sluaigh an lthair bhitheadh an taigh air a thogail ann an aon latha;
crr uair ghabhte dha na thri lithean g'a dheanamh. An uair bha'n obair
so dol air a h-adhart, faodar bhith cinnteach nach robh dearmad air
biadh is deoch do 'n chuideachd. Fad seachdain roimh laimh bhitheadh
irde air a chuir air a' ghnothuch, 's 'n uair a chruinnicheadh na
daoine air an lrach bhitheadh na mnathan ullamh le teachd-an-tr. B'e
teachd-an-tr, da rreadh, an ln a bhitheadh aca; cha bhitheadh dad
dheth o bhth no bho mharsanta, ach gach spiolag bho'n tr a bha iad
fein ag iteachadh. Bhitheadh aran coirce, is aran cruithneachd gu leir
ann, 'n a bhuilionnan mra, car coltach ri bonnaich Mhicheil; sithionn,
bho'n fhrth-choille phreasanaich, 's an robh gach sersa, mr no
meanbh, ri 'm faotainn, 's mar an ceudna eoin-choille a'm pailteas.
Rachadh an fheil a' bhruich ann an coireachan mra, agus bhitheadh brot
air a dheanamh de'n t-sgh le measgadh de luibhean a' ghraidh. Bu dual,
mar an ceudna, do dh' uisge-beatha na dthcha bhith ann, 's cha
bhitheadh maille air an l. Bha na briuthais lionmhor 's bha'n deoch
furasda faotainn, mar tha i'n diugh, 's bu bheag a prs. Airson seachd
sgillinn shasunnach gheibhte da bhodach dheth, no searrag a chumadh an
ceathramh cuid de ghalan. Crr uair bhitheadh tuille 's a chrr deth air
a ghabhail, ach mar bu tric tha e ri chreidsinn gu robh measarrachd air
a cleachdadh. Gun teagamh bhitheadh feisd mhr aig crich na togalach,
agus bha deagh nbachas air rach 's air a neartachadh am measg nan
coimhearsnach.

Ach cha do sguir an coibhneas ann an so. Bha tuille ri thighinn.
Bheireadh cuid de na mnathan bu chomasaiche leotha aodach-leapa, is
goireasan beaga airson taigheadais an teaghlaich,--ach air son sin
dheth, bha na nbaidhean gu lir deas gu cach-a-cheile a chuideachadh a
rir uireasbhuidh agus comais gach neach fa leth.

B'e sin an doigh anns an robh a' cheud chuid de na Gaidheil a thainig gu
Ontario a' tiseachadh, 's a' deanamh am be-shlinte. Bha cuid de na
taighean beaga so a mhair ceud bliadhna; bha iad comhfhurtail agus sheas
iad gu math an latha fein. Thubbairt Iain Rusgain, an sgriobhaiche
ainmeil, gu'm b' ann as na taighean beaga, dubha 's a' Ghaidhealtachd a
thainig na saighdearan bu treuna, 's na daoine bu mheasara a chunnaic an
saoghal riamh. Air a mhodh cheudna dh'fhaoidte a radh gu'm b'am bho
_Shantaidhean_ fiodha nan coilltean a thainig luchd-stiraidh
Chanada,--na ministeirean, maighstirean-sgoile, lighichean, luchd-lagha,
buill-phrlamaid agus uachdarain na tre. Dh'eirich iad bho staid
iriosail, onorach, gu inbhe rd le'n dichill 's le'm misneach fin.

An deigh do theaghlach tuineachadh air an fhearann, thoisicheadh iad air
a reiteachadh 's air a ghlanadh. Mar thug sinn fainear cheana cha b' i
obair shocrach so, gu h-raidh far nach robh elas na tuaighe aig na
daoine. Mar tha' n sean-fhacal ag radh:

"Is i namhaid duine a' cheaird nach cleachd e."

B'iomadh neach 'n am measg nach do leag craobh riamh, agus a bha ni b'
elaiche air coin 's air caoraich, air lion-isg, 's air treabhachas, na
bha e air innleachd na coille 's air inneal fir-ceairde. Airson an
lethid sin bha' n obair gle dhoirbh gus an do mhaighstirich iad i. Cha
robh faochadh ri fhaotainn ach tre'n chleas cheart ionnsachadh le
dian-chleachdadh. Bha so ni b' fhurasda do na daoine ga na do na seana
dhaoine a bha suidhichte 'nan gnths,--"An car a bhith's an t-seana
mhaide 's duilich a thoirt as."

Bha aon de na daoine so a bha bho Airde Mhic Shimidh, a thug dhomh
iomadh sgeul air na lithean cruaidh troimh'n deach e fin agus a
chompanaich. Aon uair chaidh e fin agus coimhnearsnach astar air
chuairt a shireadh oibre. Cha robh facal Gaidhlig aig an duine leis an
d' fhasdadh iad, agus cha robh acasan ach corra fhacal beurla. Bha na
daoine sgairteil, dichiollach, gu leir, ach aineolach air an
obair--gearradh sios chraobhan--a ghabh iad a'n laimh, is bha iad, mar
sin, a' cur am mach an neart gun mr sgoinn. Aon la mar bha na fir ann
an teas oibre, fear air gach taobh de'n chraoibh, a dian leagail gu
tubaisdeach oirre le'n tuaghan, thainig fear-a' bhaile far an robh iad,
's ag amharc car tacan air an doigh sheochlanaich a bh'aca, thuirt e 'na
chainnt fin: "Man, John, work like that is perfectly ridiculous." Cha
b'fhios do Iain ciod bu chiall do'n fhacal mu dheireadh de'n achmhasan
so, ach shaoil leis gu'm b'e mionn grathail a bh' ann, is dh'eirich a
chorruich, oir bha e air a chruaidh chur, 's air a shrachadh gu goirt
leis an obair. Sheall e gu feargach air an tuathanach, is thilg e am
mionn mr, mar shaoil esan, air ais 'na aodann, ag radh: "Yes, a dhuine
bhochd, it is 'perfectly ridiculous,' is gabh do leir dheth." An uair a
dh' fhalbh an tuathanach thuirt Domhnull: "Iain, Iain, 'de thug ort sid
a radh ris an duine? Ge b'e air bith an tmailt a chuir e ort, cha bu
choir mionn tigh'nn as do bheul. Cha b'e sin an eisimpleir a fhuair
thus' is mise bho na daoine cir a dh'raich sinn, 's cha'n fhaod sinn
sin a dhi-chuimhneachadh." Ars' an duine cir, le priobadh 'na shil:
"Bha sinn le chile aineolach, cha b'ann a mhin air an tuaigh, ach air
a' bheurla, cuideachd, agus chaidh iomadh la seachad mus do thuig a
h-aon dhinn brigh an fhacail 'ridiculous'; ach air a shon sin deth, thog
a' chuid bu mhotha dhinn, le sior-chleachdadh, beurla gu leir, airson
gnothaichean an latha a chur air an adhart, agus, mar an ceudna, chum na
searmoin a leantuinn air an t-sbaid."

A lion beag is beag bha iad a' fs elach air an doigh-oibre, agus bha
na craobhan a' tuiteam romhpa. An uair a bhitheadh dha na tri acair air
an gearradh sios, chuireadh na coimhearsnaich an guaillean ri chile,
aon uair eile. Ach ciamar a dh'fhaodar sgeul an euchd a bha nis ri
dheanamh, a chur ann an altan a chile? Cha'n fhacar riamh co-fharpuis
ni bu ghire na bhitheadh ann, a' slaodadh an fhiodha do'n
chruaich-theine, far an loisgteadh e eadar bhun is bhrr; agus cha'n
fhacar fill no faidhir riamh a thogadh sunnd nan daoine mar a dheanadh
an _Logging Bee_ mar theirte 's a bheurla Shasunnach ris an dian-iomairt
so. B'e'n cleachdadh aig am mar so, tiodhlacan bdh a chur do'n
teaghlach aig am bitheadh an crdhadh fiodha, agus cuide riu rachadh
cuid de na nighneagan a fhrithealadh aig am dinnearach agus suipearach.
Chruinnicheadh mran sluaigh agus bhitheadh othail nach bu bheag orra a'
cur furain air cach a chile, agus a' beachdachadh air rian na h-oibre.
Rachadh na daoine a'n ordugh oibre air an raon 'n an tri bhuidheannan.
Bhitheadh aon bhuidheann de dhaoine selta aig a' chruaich, a' gabhail
an fhiodha mar a thigeadh e staigh, g'a chrnadh suas sreath air muin
sreath a' cumail an teine be, leis a' bharrach. Bhitheadh tuaghadairean
tapaidh a' gearradh gheugan de na craobhan, a' sgioblachadh a' bharraich
agus a' reiteachadh fri-rathadan airson nan slaod. Bhitheadh an
tritheamh buidheann sgaoilte thairis air an achadh, gach sgioba 'na
h-ite fin, le aon chuing dhamh agus dithis no triir dhaoine do gach
sgioba, le acfhuinn thaghta, goireasach aig laimh. Bha 'ghniomh fin fa
chomhair gach neach 's 'n uair thigeadh an t-am bhiodh na daoine teth gu
tiseachadh. B'ann a'n sin a bhitheadh an strith. B' i 'n obair
shonraichte na craobhan a shlaodadh bho'n ite 'san robh iad a laidhe
gus a chruaich-theine agus b'i 'n strith co an sgioba a chriochnaicheadh
a cuibhrionn fin an toiseach. Bhitheadh am fear bu treasa, 's bu treuna
de'n sgioba air ceann na sgioba sin, 's cha bhiodh fairtleachadh na
h-oibre air, ge b'e cho doirbh 's a dh'fhaodadh i bhith. Bhitheadh cuid
de na craobhan ro throm; cha b'urrainnear ach a h-aon a chur 's an
t-slabhruidh aig aon am. Air uairean bhitheadh an rathad cam, cuagach,
air feadh nan stochd, doirbh ri dheanamh le cuing throm de dhaimh
mall-chasach 's a bheairt. Dh' fheumta cram agus seltachd a
chleachdadh gus an ld a shlaodadh am mach, agus mar a bhitheadh na
daoine a' leigeil an inntinn air an obair, 's a' teasachadh rithe,
chluinnteadh gleadhraich nan teanga gu h-rd a' brosnachadh nan damh, 's
a' misneachadh cach a cheile. An deidh na dinnearach na'm biodh piobaire
's a chuideachd, bheireadh e laimh air a' phioba, is sheideadh e suas
puirt beothail sgrach, a thogail spionnadh nam fear 's an cumail gu
dian ris an obair. Bhitheadh na h-uile innleachd air a cleachdadh chum
an raoin a reiteachadh mu'n tuiteadh dorchadas na h-oidhche, agus bu
mhr moit na sgioba a choisneadh a cheud ite. Bu tric duais-buadhaich a
bhuileachadh orra aig an t-suipeir, 's bhitheadh an cli mar dheagh
luchd-oibre air a dhaingneachadh. An deidh do'n talamh, a bhith, mar so,
air a reiteachadh rachadh uachdar na talmhainn a sgriobadh le caibe,
agus an luaithre a sgaoileadh thairis air. Anns an fhonn so rachadh an
siol a chuir, agus as thigeadh deagh thoradh 's an fhogharadh.

Bha nis duais an saothrach air a mealtuinn le; chuir iad an siol ann an
dchas deagh fhogharaidh, oir bu mhr an curam a bha'n crochadh ri sin;
chaidh seal goirid seachad, thainig am brr a staigh gu sealbhach, agus
bhuain iad le mr shubhachas, 's cha b'ionghnadh e. Gun dil an deidh na
buana bhitheadh am bualadh ann, agus bu taitneach da rireadh a bhith cur
a cheud ld de'n ghrinne do'n mhuileann. Mar bu tric cha bhitheadh
rathad-mra ann, ach, a mhin, frith-rathad troimh'n choille. Rachadh an
damh soitheamh, earbsach, uil'-fheumail, uidheamachadh agus bho bhuiseal
gu leth, gu d bhuiseal choirce a cheangail air cl a ghualainn, 's le
so dh' fhalbhadh fear-an-taighe, no aon de na gillean do'n mhuileann.
'Nam bitheadh an t-slighe fada, bhitheadh an oidhche ann mu'n tigteadh
dhachaidh leis a' mhin, ach ge b'e cho anmoch, chumadh an t-annas gach
neach de'n teaghlach, bho'n leanabh gus an t-seanamhair, air am bonn, a
dh' fhilteachadh ceud toradh an fhearainn. Ach corra uair cha bhitheadh
muileann ann d'am b'urrainn daibh a dhol, agus cha robh ni b' fhearr aca
na'm brth anns am bitheadh an grinne air a bhruthadh le pronnadair.
Tha iomradh air aon bhrth shonraichte a rinn athair an t-Siorraim Mhic
Ealair nach maireann, a rinn an gnothuch 's an ite 's an robh e, fad
iomadh bliadhna, gus an deach muileann a thogail. Tha'm brth ainmeil
so, a nis, ann an taigh-coimhid ann an Toronto, far am bheil mran
sluaigh o chaoch-la itean de'n t-saoghal 'ga faicinn na h-uile
bliadhna.

An uair a thigeadh an geamhradh cha bhitheadh is air an obair.
Bhitheadh na daoine, g is sean, a' gearradh na coille; bhitheadh
tigheadas air laimh nam boirionnach, 's cha bhitheadh eadhon na pisdean
diomhain. Ann am fallus an gnuis bha iad uile ag itheadh arain; ach a'n
cois a' bhonnaich bhig bha 'm beannachd. 'S an trth fheasgair bhitheadh
srd air an teaghlach aig bun an teine thiorail. Bhitheadh na
boirionnaich a' crdadh, a' sniomh, a' fighe, 's a' cramh aodaich; na
fir a' grusachd bhrg, a' toinneadh ascairt, a' geurachadh shbh, a'
cur laimh r ann an tuaigh, no nithean feumail de'n t-sersa sin.
Bhitheadh cmhradh ann a reir suidheachadh an teaghlaich. Bhitheadh
iomadh ni r aca ri innse a dh'ionnsaich iad mu'n tr gus an d' thainig
iad, ach bhitheadh a' chuid bu mhotha de'n t-seanachas mu'n duthaich 's
mu na cirdean a dh' fhg iad 'n an deidh. Corra uair bhitheadh cilidh
de na coimhearsnaich ann le 'cuid rain agus sgeulachdan gun gh:

    "Air gach gaisgeach fearail greann'or
     Bha 's a' ghleann 'n uair bha iad g."

Bhitheadh an cleasan fein aig a' chlann, agus is iongantach mar a lean
cuid diu anns na teaghlaichean ud gus an la'n-diugh. Bliadhna no dh
roimhe so bha'm fear-sgriobhaidh ann an ite de Ontario far am bheil
cmhlan Ghaidheal. Bha clann beaga a' cluiche agus b'e 'n cleas a bh'
aca, bioran maide loisgte gu ibhille aig aon cheann, a chur mu'n cuairt
cho luath 's a b'urrainn daibh, 'n uair bhitheadh iad ag radh na facail
so, a dh' ionnsaich iad o'n seanamhair, 's a fhoghlum ise aig Ionarnais
'n uair bha i 'n a caileig a'n sin:

    "Dilean, dealan, digh,
     Tha na fidh air an loch;
     Tha Mac-Shimidh as an didh,
     'S cha teid na fidh dhachaidh nochd."




                                  IV.


Chaidh naoi bliadhna seachad bho'n am 's an do shuidhich Seumas Ros aig
Narunn, Ontario. Bha na neoil a' bristeadh, bha na h-achaidhean a' dol
am farsuingeachd, agus bha goireasan an taighe a' meudachadh. Anns an
ite so, air an ochdamh la deug de mhios mheadhonach an Fhoghair, 's a'
bhliadhna ochd ceud deug da fhichead 's a h-aon, rugadh Seoras Ros. Cha
robh mr ailghios no mr uireasbhuidh a' feitheamh air. Bha'n teaghlach
a' fs rthail, agus bha 'n sgoile faisg air laimh, air srid Ghlaschu,
mar theirte ris an rathad-mr a bha 'dol troimh'n sgre, agus b'e ainm a
mhaighstir, Tearlach MacCoinnich. Bha Seoras 'na dheagh sgoileir,
dichiollach agus curamach. Bha e ln de feala-dha agus deidheil air
cleasan neirt mar a bha camanachd, a' ruith reisean, a' gearradh
shrdag, a' gleachd agus a' cur na cloiche. Bha e luath-chasach, aotrom,
agus cho aighearach 's a b' urrainn do ghiullan smearail slinteil a
bhith. Aig na ceilidhean ann an taigh athar, no ann an taighean nan
coimhearsnach mar bha Mac-an-tisich, Mac-Lachluinn, agus Mac-Griogair,
bha e deas mar aithrisear bhrdachd. B'iad oibre Thomais Chaimbeil a
b'fhearr leis,--"Nighean Thighearna Ulainn," "Bairnigeadh Lochiall,"
agus "Catha Hohenlindein,"--le orain de'n t-seorsa sin, b'iomadh uair a
thug e togail inntinn do na bhitheadh an lathair.

Thog e dreuchd maighstir-sgoile agus chaidh e, 'se fathast 'n a
bhallachan g, do'n deicheamh _Concession_ air taobh-an-ear do shrid
Ghlaschu, a theagasg. Bha so ann an sgre _Williams_. Bha tri rathadan
mra anns an sgre air an ainmeachadh air na h-itean bho'n d'thainig an
sluagh 's an t-seann duthaich,--Srid Ghlaschu, Srid Phettit, agus
Srid Earraghaidheil. Bha da theaghlach de na Rosaich 's an ite,--na
Rosaich Mra, 's na Rosaich Beaga,--a reir am fiamh 's an coltais. B'ann
do na Rosaich Beaga a bhuineadh Sir Seoras, ach mar robh a bhodhaig
neo-chumanta mr bha aige inntinn chumhachdach, ghreimeil,
iomadh-fhillte, lughor. Bha meamhair chuimhneachail, ealamh aige, air
chor 's gu'n robh e furasda dha araon seanachas agus aireamhachd a
chumail 'na cheann. Cha b' fhad an ine gus an do choisinn e cli mar
fhear-labhairt dealasach, gu sonraichte air taobh na Stuamachd anns an
do shaothraich e fad a bheatha; cleachdadh a dh' igheamaich e airson an
dreuchd rd a bha 'feitheamh air.

Bho _Williams_ chaidh e gu _Melrose_, dluth ri Lunnainn, Ont., a
theagasg sgoile. Ann an so thainig e fo bhuaidh cuid de na daoine
comasach air an do chuir e elas anns a' bhaile. 'Nam measg bha
buidheann de luchd-lagha ga a bha am bitheantas ag cnuasachadh cor na
duthcha, 's a' sgrudadh bheachdan cch-a-cheile air ceisdean an latha.
Thladh so 'inntinn gu bhi rannsachadh cuisean air a shon fhein, is
thoisich e air leughadh nam paipeirean-naigheachd agus
leabhraichean-eachdraidh gu geur, mionaideach; cleachdadh a lean ris ri
bhe. Bha 'n am fbharach airson a leithid de dh'fhein-fhiosrachadh. Bha
Roinnean mra Chanada air dol a'n comh-bhann, agus bha uachdranachd r
air teachd a staigh le nithean cudthromach r'a dheanamh agus bunaitean
na duthcha r'a shocrachadh. Cha b' urrainn do dhuine g am ni b' fhearr
a mhiannachadh, no cothrom ni bu fhreagarraiche iarraidh airson seirbhis
a dhuthcha. 'Sa bhliadhna so--1867--an uair a bha e s bliadhn' ar
fhichead, a dh' aois, chuir e ainm fa chomhair coinneimh thaghaidh na
Liberals airson parlamaid, an aghaidh Tomas Scatcherd. Cha deachaidh
leis an trth sin; bha ige 'na aghaidh, agus a bharrachd air sin, b' e
Mr. Scatcherd am ball-parlamaid aig an am, mar bha athair roimhe, 's bha
'n teaghlach d'am buineadh e cliuiteach am measg thuathanach Nissouri,
an sgre 's an robh a' chuid mhr de'n luchd-taghaidh a' comhnuidh. Ged
nach do shoirbhich leis 's a' chuis so, chaidh chomharrachadh am mach
mar dhuine gealltanach, a bhuadhaicheadh a'n deagh am. Mu'n am so chaidh
Mr. Ros do'n sgoil Normal far an d' ullaich se e fein gu bhi 'na
fhear-ceasnaichidh sgoilean, agus air dha so a dheanamh, dh' fheuch e
ris an dreuchd so a thoirt am mach ann an siorramachd Mhiddlesex. Bha a
chuid bu mhotha de Chomhairle na siorramachd de na Tories agus chaill e
an t-ite mar a shaoil e fhein, an los na rinn e ann an 1867 air taobh
na Liberals. Ghabh e an ni gu cridhe. Air an t-slighe dhachaidh thuirt e
ri Iain Waters, dluth charaid dha, a bha aig an am 'n a Reeve air
Williams-an-ear:--

"Tha mi a so suas cuidhte gnothaichean riaghlaidh na tre. 'S mithich
dhomh cumail ri m' dhreuchd, 's ri sin amhin."

Fhreagair Mr. Waters: "Na can thusa ni sam bith mar sin, airson, ma dh'
fhaoite, am bi thu duilich an deidh so."

Thachair gu'n robh Comhairle shiorramachd Lambton a' suidhe aig an am
cheudna. Bha chuid bu mhotha dhiubhsan 'n an Liberals. Chuala iad mar a
thachair ann am Middlesex. Air an ath mhaduinn chuir iad fios-dealan
do'n Rosach gu'n robh dreuchd cheasnaichidh Lambton air a thairgse dha
na'n gabhadh se e. Dh' fheuch Mr. Ros an sanas so do Mhr. Waters, a
thilg gu h-ealamh air:--

"Gu de mu dheidhinn _politics_, a nis, mo charaid? Tha thu a' faicinn
gu'm bheil da fhaobhar air a' chlaidheamh!"

Ghabh Mr. Ros ris an tairgse agus lean e ris an dreuchd sin an deidh dha
bhi na bhall-parliamaid airson Middlesex-an-iar. Cuid de'n ine so bha e
'n a fhear-ceasnaichidh sgoile ann am baile Straruaidh. An duais a
fhuair e airson na h-oibre so, thug e seachad, ged nach bu duine
saoibhir e, airson dhuaisean do sgoilearan a' bhaile, a chum am
misneachadh 'n am foghlum. Bha didh aige a bhi sgriobhadh do na
paipeirean-naigheachd agus bha sgriobhaidhean bho pheann ri 'm faotainn
gu tric anns an _Advertiser_ a'n Lunnainn, an _Expositor_ a'n Seaforth,
agus an _Age_ ann an Straruaidh, a bha geur agus comasach. Aig a' cheart
am thainig, an drasd 's a rsd, bhuaithe, duan agus oran a bha teisteil
agus an eatorras math. Bha iad air taobh na stuamachd agus saorsa na
duthcha bho dhroch riaghladh. 'Na ige rinn e dn air "An ni tha dhth
air Canada" anns an d'thug e fainear na caochladh sersa dhaoine a
thogadh suas cinneach chliiteach anns an duthaich so,--daoine onarach,
tapaidh, saor-thoileach, subhailceach, treuna, measarra, uasal,
duthchasach, agus thug e an dn gu crich leis na briathran shunndach
so:--

"Sin na daoine, a Chanada, a dh'eireadh suas o d' fhonn mhaoth! Sin na
daoine gu bhi 'g iomchair slat-rioghail do neart, gu bhi riaghladh
thairis air do shleibhtean mra, gu bhi sgriobhadh ann an eachdraidh,
gloir t' ainme."

Fad a bheatha cha do dhichuimhnich e na smuaintean rda so; bha e air a
lionadh o ige suas le eud airson Chanada, tr a bhreith is rach. Ach
cha deachaidh na bliadhnachan so seachad ann an diomhanas a thaobh
foghluim 'na dhreuchd, agus a thaobh oileanachd eile. Bha e sior strith
air adhart, a' dioghlum ann an iomadh achadh thorach, a' carnadh suas
strais 'na inntinn a bhiodh luachmhor agus feumail dha 's na lithean
ri teachd.

'S mithich, nis, facal no dha a radh mu theaghlach Mhr. Rois. An uair
bha e teagasg sgoil' aig Lobo, 's e bliadhna ar fhichead a dh' aois, b'
i aon de chuid sgoilearan Cairistona Chaimbeul, nighean Dhunnchaidh
Chaimbeil, Lobo, fear a mhuinntir Earraghaidheil. Dh'fhs an cirdeas a
thisich a'n sin gu ln abuchadh agus phs iad 's a' bhliadhna 1862. Bha
iad posda deich bliadhna, 'n uair chaochail ise, agus b' e la a
h-adhlacaidh an la air an deachaidh esan a thaghadh, an toiseach, do'n
Pharlamaid. Bha coignear theaghlach aca, dithis mhac agus triir
nighean. Chaochail an gille bu shine, Seumas Cowper Ros, 'n a naoidhean
agus dh'fhs cch gu re duineadais. Phs Mr. Ros an dara uair, 's a
bhliadhna 1875, Ceit Boston, nighean Robeirt Boston, ann an siorramachd
Mhiddlesex. Chaochail ise 's a bhliadhna 1902 ann an Toronto. Bha acasan
aonar mhac agus triir nighean. Coig bliadhna an deidh bs an darna bean
phs e Mildred Peel, nighean Iain Robeirt Peel, a' n Lunnainn, Ont., a
tha fathast be. Bha na mnai sin ro eireachdail, banail, suairce. Bha
iad 'n an taic mr dh-san tre bheatha shrachail, euslanaich. Tha'n
dithis mhac 'n an daoine tapaidh, rthail. Tha 'm fear as sinne, Dunncha
Caimbeul Ros, 'na fhear-lagha ann an Straruaidh, 's na bhall-parlamaid
aig Ottawa, far am feil e 'foillseachadh a chomais-labairt 's a
sheltachd gu soilleire. Tha 'n darna mac, Seras Uilleam Ros, 'na
lighiche ann an Toronto. Choisinn e, mar tha, rd-ainm 'na dhreuchd. Tha
iad, le cheile, 'nan daoine duthchasach, coibhneil, anns am bheil gn a'
Ghaidheil a' cinntinn gu nadarra, reidh. Tha na nigheanan psda gu
cothromach, comhfhurtail, 's a' togail theaghlach chliiteach, ghasda,
'tha na'n samhladh chiatach air igridh Ghaidhlich Chanada.




                                   V.


Mar a chunnaic sinn cheana, bha inntinn an Rosaich a' tionndadh do'n
Pharlamaid agus thainig an cothrom thuige gun mr dhil. Chaidh
ainmeachadh airson Middlesex-an-iar, an aghaidh A. P. MacDhomhnuill, an
seann bhall-parliamaid, duine beartach aig an robh greim air an
t-sluagh, 's a bhiodh doirbh a chlaoidh 's an t-strth. Ged bha 'm blr
cruaidh, ged bha'n Rosach g agus gun airgead, ged bha 'n Domhnullach
cleachdta 's a chath, le maoin is pailteas air a thaobh; an uair a
chaidh an t-aonta mu dheireadh a chunntadh bha 'n duine og, lamh-fhalamh
air uachdar, agus an duine eile fodha--chaidh'n Rosach a thaghadh airson
na Parlamaid.

Chaidh e gu Ottawa far an robh 'n Ard-Chomhairle a' suidhe, 's a
bhliadhna 1872, agus bho'n am sin gu la a bhis, shaothraich e airson a
dhuthcha araon ann an uachdranachd Chanada agus Ontario. Fa chomhair an
Rosaich 's an t-semar bha Sir Iain Domhnullach, Priomh-Mhinisteir
Chanada, agus ri thaobh bha aireamh dhaoine ainmeil, comasach, mar bha
Hincks, Tupper, Howe, agus Galt. Mu'n coinneamh bha comhlan de dhaoine
fhior chomasach,--Alasdair MacCoinnich, Blake, Cartwright, agus an
lethid sin,--daoine dealasach, geur, a bha ullamh agus toileach gu
cnsachadh an aghaidh 'n luchd-riaghlaidh air na ceisdean mra a bha ag
eadar-dhealachadh an da thaobh de'n Chomhairle. Bha Mr. Ros am measg
dhaoine comasach agus rinn e na b' urrainn e gu bhi foghlum gnthan na
Parlamaid agus brgh na h-oibre bhuapasan. Cha robh e doirbh dha
ionnsachadh, agus ann an uine ghoirid dh'fhs e elach air dleasannas
fear-ionaid.

R a cheud bhliadhna 's a Pharlamaid dh' erich droch upraid mu 'n
airgead a ghabh Sir Iain Domhnullach bho Huistean Allan, ceannas an
rathaid-iarruinn sin,--an "Canadian Pacific." Ged a dhearbh an
luchd-riaghlaidh gu'n robh an t-airgead air a ghnathachadh ann an
cisean an taghaidh, 's nach robh buanachd aig Sir Iain e fein dheth
idir, gidheadh, b'e beachd na Parlamaid nach robh e ceart no iomchaidh
do dh'fhear-riaghlaidh airgead a ghabhail o neach, mar a bha Mr. Allan
aig an robh gnothaichean ri dheanamh ri luchd-riaghlaidh na duthcha,
agus thug Sir Iain suas a dhreuchd. Chuireadh Alasdair MacCoinnich 'na
ite; agus thug esan a' Pharlamaid gu crich air a' bhliadna sin fein.
Sheas Mr. Ros a rithis airson Middlesex-an-iar agus chaidh a thaghadh
gun neach air bith seasamh 'na aghaidh. Fhuair luchd-cuideachaidh
Mhic-Coinnich buaidh mhr 's an taghadh 's bha e air a dhaingneachadh
mar Phriomhfhear Chanada. Fhuair, a nis, Mr. Ros an cothrom a bha dhth
air, agus cha do sheachainn. Bha a chomas breithneachaidh agus labhairt
a' meudachadh, agus bha e fs feumail 's an t-semar-riaghlaidh, agus,
mar an ceudna mar chomhairliche earbsach do'n luchd-riaghlaidh. Bha e
deas-bhriathrach ann an cisean malairt, na stuamachd, agus aiteachaidh
an fhearainn, agus bha gach bliadhna ag cur ri neart, 's ri chliu.
Chaidh coig bliadhna seachad air an doigh so, agus bha Mr. Ros gu
socrach agus gu cinnteach ag eirigh ann an spis a cho-chomhairleach.
Anns an taghadh a rinneadh 's a bhliadhna 1878 thuit MacCoinnich agus
thainig Sir Iain Domhnullach a staigh a rithis. Bha cogadh cruaidh aig
Mr. Ros ri chur ann am Middlesex, oir bha sluagh Chanada air fad air an
dusgadh gu mr 's bha na seann lraichean, na seann chriochan eadar na
Tories agus na Liberals air an atharrachadh. B' e'n cuspair mr a bha
eadar an da chuideachd sin, aig an am: Co dhiubh a bu chir cs rd a
chur air toradh dhuthchanna cin, bha tighinn a staigh do Chanada, araon
chum airgid-riaghlaidh a thogail, agus dion a chur air maoin Chanada.
Bha amanna cruaidh ann; bha bochdainn air feadh na tre, agus bha moran
de na buill-parlamaid a sheas air taobh Mhic-Coinnich airson saorsa
malairt, nach robh air an taghadh leis an t-sluagh. Ach chaidh le Mr.
Ros oir bha meas mr air 's an t-siorramachd, agus fhuair e troimh'n
deuchainn gu sbhailte. Anns a' Pharlamaid a lean an taghadh so, bha e
ro-dhichiollach agus bha e air ireamh am measg nan daoine comasach,
gibhteach a bha 's a' chomhairle.

R an ama so uile bha e 'saothrachadh mar fhear-ceasnaichidh sgoilean,
's mar fhear-deasaichidh phaipeir-naigheachd. Bha e mar an ceudna
daonnan ag cuideachadh aobhair na stuamachd, agus ag cur air an adhairt
gnothaichean eile. Cha robh e riamh 'na thamh no 'na thosd, agus b'
ionnan sgriobhadh no labhairt dha. Mu'n am so bha ite Ministeir
Foghluim Ontario, falamh, 's bha cor nan sgoil air feadh a' Mhor-roinn
car diblidh. Bha feum air duine foghainteach, glic, eolach, air an
ceann, agus roghnaich Mr. Mowat, a bha 'na Phriomh-fhear thar Ontario,
Mr. Ros airson an dreuchd. Cha b' urrainnear neach ni bu fhreagarraiche
fhaotainn. Cha 'n e mhin gu robh mion-eolas aige air dreuchd a'
mhaighstir-sgoile, 's air uireasbhuidhean nan sgoil, ach bha a chridh 's
an obair. Thilg se e fein le uile neart air an raon r so, agus is ann
mar Mhinistear Foghluim Ontario a choimhlion e gealltanais ige. Air dha
Parlamaid Chanada fhagail airson Parlamaid Ontario b'fheudar dha a bhi
air a thaghadh airson Ard Chomhairle' na Mr-roinne. Cha do dhiobair
daoine Mhiddlesex-an-iar e riamh agus thagh iad e a rithis mar bu ns.
Chuir e laghan nuadh air chois, a leasaich gu mr staid nan sgoil agus
tharruing e ri cheile air aon doigh riaghailteach na caochladh seorsa
sgoilean bho thaigh beag na sgre gu oil-thaigh a' bhaile-mhir, gach
ceum a' leantainn a cheile gu h-ordail, ceart a rir cleachdaidh
chumanta na h-Alba. Shoirbhich leis gu h-anabarrach agus bha sgoilean
agus oil-thaighean Ontario, ann an uine ghoirid, 'nan eiseimplearean do
dhuthchanna eile.

Ach bha aon rd-dhreuchd eile a'feitheamh air, agus b'e sin
priomh-mhinisteirleachd Ontario; agus an deidh dha sin a thoirt thairis
chaidh e gu Ottawa, a rithis, gu bhi 'na cheannard 's 'na
fhear-treorachaidh 's an ard sheanadh. 'S an dreuchd so shaothraich e gu
la a bhis a thainig air 's a bhliadhna 1913--ln de lithean 's de
dh'urram.

Ciod e an sersa duine a bha a' n so, a dh'eirich cho rd ann am beachd
a ghinealaich fin, 's ann an inbhe?

Tha e ro dhoirbh beachd fior-cheart a dhealbh air a' chuid mhr d'ar
co-chreutairean; gu sonraichte air daoine tha rd os ar cionn. An uair a
fhuair Gladstone bs bha mran de'n bheachd gu'm bu dhroch duine e, a
chuir a bhuadhan cumhachdach gu fior dhroch bhuil; air an laimh eile,
bha mran a creidsinn nach robh a leithid eile ann chum leas agus maith
an t-sluaigh a sheasamh, agus gu robh e 'n a fhior bheannachd o'n
Chruithfhear do Bhreatunn's do'n t-saoghal. Tha an ni ceudna air a radh
mu Lloyd George. Bha eadar-dhealachadh beachd aig na Gaidheil 's aig na
Goill mu luach agus cliu oibre-bheatha Phrincipal Rainy--cuid a'
creidsinn gu robh e 'deanamh oibre Shatain, agus cuid eile gu robh e 'na
sheirbhiseach dileas, foghainteach do'n Ard Mhaighstir. Tha fios aig
Gaidheil Chanada mar a thilgeadh salchair nan sraid air Sir Iain
Domhnullach, agus mar a reubadh cliu Alasdair MhicCoinnich; agus, a
nis, mar tha bliadhnachan dol seachad tha deagh chliu an ainmean le
cheile a'dol a'm meud. Thig an neach a smuainicheas air nithean mar so
do'n cho-dhnadh gu bheil breith dhaoine air an co-chreutairean 'n a ni
amharrasach air a chuid is fearr, agus gur cir do neach a bhi toigheach
mu'n bharail tha e cnuasachadh mu neach eile.

Tha so air m' inntinn fein gu mr an drasd, oir tha mi, mar gu'm b'eadh
a' toirt breith air cuspair an sgriobhaidh so. Ach tha so agam ri radh.
Bha cothrom neo-chumanta agam air Sir Seoras Ros aithneachadh. Bha mi
gle eolach air fad ochd-bliadhna fichead, a'n cois gnothaichean na
duthcha, agus mar cho-Ghaidheal. Bha cothrom saor-labhairt agam ris;
b'aithne dhomh gu math cion-fth cuid de ghniomharan, agus, mar an
ceudna, b'aithne dhomh gu math daoine flathail, fiughanta, a bha dlth
ri inntinn, aig an robh fior eolas air, agus a bha comasach air a
chothromachadh ann am meidh chinntich an fhein-fhiosrachaidh. B'e cuid
diu sin an t-Urramach Alasdair MacCoinnich, Tearlch MacCoinnich, a
bhrathair, An Siorram MacEalair, Lachlann MacCorcadail, Uilleam C.
Caldwell, an t-Urramach Dr. Caven, an t-Urramach Ard-Easbuig Walsh, an
t-Urramach Dr. Milligan, is iomadh neach eile a bha inbheach no iriosal
'n an dreuchd fein. Bu tric a labhair mi riutha sin, 's ri muinntir eile
mu chliu 's mu bheatha Shir Seorais, agus bha gach ni a tha mi ag cur
sios ann an so air a dhaingneachadh leo. "Tha lagh nam modhannan air a
chur sios gu h-aithghearr anns na deich itheantan," agus is ann a reir
an lagha sin a tha breith cheart gu bhith air a toirt air caithe-beatha
ar co-chreutairean. Ma shnear slat-thomhais an lagha sin thairis air
beatha Shir Seorais Rois tha mi ln chreidsinn nach bi a chliu aon
irleach ni 's giorra na cliu an neach a b' urramaiche a shuidh riamh
ann an caithir priomhfhear Ontario, ged is mr an radh sin.

Bha'n Rosach 'n a dhuine moralta, 'n a dhuine glan 'n a ghn, uasal 'n a
ghilan, neo-shanntach 'n a inntinn, coibhneil do 'n bhochd,
foidhidneach fo thrioblaid, fad-fhulangach fo bhuaireadh, comasach 'n a
bhuadhan, fileanta briathrachail 'n a chainnt, dridhteach 'n a
raidean, araon soilleir agus farsuing 'n a bheachdan, gleusd ann an
deas-boireachd, dileas d'a choguis, firinneach d'a dhuthaich, agus
durachdach, dileas, 'n a dleasanas.

Tha mi creidsinn gu robh Mr. Ros ag iarraidh le uile chridhe an ni a bha
ceart a dheanamh a thaobh a dhuthcha mar bhall parlamaid, mar
mhinisteir, 's mar Phriomh riaghladair. Tha mi creidsinn gu robh e
feuchainn mar a b' fhearr a dh' fhaodadh e a ln dhleasanais a
choimhlionadh gu h-onarach d'a cho-chreutair, bho'n neach a b' airde gus
an neach a b' sle, mar neach a bha cunntasach do shluagh na tre airson
gach gniomh d'a dheanadais choitchinn. Ni 's fhaide cha ruig mi leas a
dhol 's a' chuis so an drasda, ach na'n robh an t-am iomchuidh, tha mi
creidsinn gu'm faotainn a radh le firinn gu robh a dhochas steidhichte
ann an rd-uachdranachd an Fhreasdail sin a tha lbadh gach gniomh 's
gach oidheirp dhaonnail chum a chriochan maith fein. Gidheadh, tha 'us
bithidh caochladh bheachdan am measg an t-sluaigh air an Rosach, mar
dhuine 's mar mhinisteir stid. 'S dual dha sin tachairt; tha gach neach
againn fein buailteach do'n ghnths cheudna. N' am b' urrainn duinn fior
smuaintean ar cairdean 's ar coimhearsnach oirnn fhein, air uairibh,
fhaotainn am mach, chuireadh iad mr iongantais oirnn, oir is tana an
eigh tha fo m' chasan-sa, agus fo d' chasan-sa, a charaid, co air bith
thu.

Bho thoiseach gu deireadh a chrsa bha Mr. Ros trang ag obair. Cha
deachaidh stad air a shaothair. B'e sin cion-fth a shoirbheachaidh.
Thoisich e mar bhallachan bochd; cha robh airgead no r air a chlthaobh
g' a chuideachadh air adhart. Tha'n cothrom cheudna a bh' aigesan aig
gach ganach a tha 's an tr an diugh. 'S i obair chruaidh agus inntinn
ghlan a bheir neach gu mullach na beinne. Ma 's e marsantachd, dreuchd
an lighiche no 'n fhir-lagha, na ministeirleachd, no oibre-laimh a
th'ann, feumaidh neach a bhith 'n a fhior mhaighstir air a ghniomh, agus
feumaidh e a bhuadhan a gheurachadh leis an fhoghlum sin a tha feumail
airson a dhreuchd. Tha a' mhr chuid dhinn comasach air so a dheanamh ma
tha slinte cuirp agus beachd suidhichte againn ar ln dhichioll a
dheanamh.

Tha'n sean-fhacal ag radh: "Ni lamh na leisge bochd; ach ni lamh nan
dichiollach beartach." Cha d'rinn lamh dhichiollach Shir Seorais beartas
dha. Bha e 'n a dhuine bochd o ths gu is a bheatha, mar bu tric fo
fhiachan trom, ach a ghnath g' am paigheadh mar bha 'n comas aige, 's
aig a' cheann mu dheireadh mar robh moran ri fhgail 'na dheidh cha robh
dad ri dhioladh. Ach thug e neart a bheatha agus toradh a chinn 's a
chridhe do'n stid, chum, mar bha dil chinnteach aige, maith an
t-sluaigh.

Cha robh doimhneachd bhuadhan aige mar bha aig cuid de cho-aoisean ann
an Canada; agus cha d'fhuair e cothrom 'n a ige air inntinn a
liobhrachadh air cloich-bhleith a chruaidh oileanachaidh, a
dh'raicheadh araon fnealachd chainnt agus eagnuidheachd smuain. Bha'n
uireasbhuidh so r' a faicinn 'n a mhodh-labhairt, 'n a mhodh-sgriobhaidh,
agus 'n a mhodh saothrachaidh. Ach, "Is airde tuathanach air a chasan na
duin'-uasal air a ghluinean."

Ann an aon de dh'raidean an Rosaich air beulaibh Comuinn Naoimh
Aindreis, Thoronto (1909) thubhairt e gu robh sluagh Chanada
comharraichte math gu bhith tionail 's a' togail gliocais agus ceill o
gach cearnaidh de'n t-saoghal, 's g'an isneachachadh airson am buanachd
fin. Tha iad a' tionail fiosrachaidh agus nuadh smuaintean mu chuisean
malairt is airgid as gach ite 's am faighear iad. Tha iad a' toirt bho
ghnths-riaghlaidh dhuthchanna eile na tha iad am beachd a fhreagarras,
's a leasaicheas an gnths-riaghlaidh fein.

Bha am beachd so gun teagamh ceart, agus tha mi'n duil gu bheil e ceart
mu'n Rosach e fein. Bha alt fir-tionail aige ann an re mhr; ghabhadh e
stigh eolas mar a shlugadh suil-chruthach clach. Agus rinn e 'na bha 'n
a chomas chum a bhuadhan a neartachadh le cleachdadh daonnan a thoirt
dhaibh a' tional eolais anns gach raon a bha fosgailte dha. Cha robh
moran 'san tr so a dh'obraich cho cruaidh 's cho bitheanta ris air
thir eolais gu bhi leudachadh 's a meudachadh a thuigse, agus ann an
roinn mhor shoirbhich les. Dh' rdaich e tuigse, agus "chur i suas e;
thug i gu urram e; thug i d'a cheann coron maise, crn gloire thug i
seachad dha." Cha'n fheil mi ag radh gu'n deachaidh gliocas ceum air
cheum, lamh a'n laimh ri a thuigse, ach gun teagamh b' i 'n tuigse air
nithean a dhreuchd 's a dhuthcha, a bhuinig e le mr dhichioll, a thug
comas dha eiridh gus an inbhe air an d' rainig e.

Mar bhall-parlamaid ann an Ottawa bha e dian, dlth, mar thuirt mi
cheana, ann an ceum a dhleasanais. Bha e bitheanta 'na ite, a' toirt
speis agus suim do'n obair bha'n laimh; a'rannsachadh chisean na
duthcha, 's g'a ullachadh fein airson oibre litheil an Taighe. Air an
doigh so, le sior-shaothair, daonnan ag obair, fhuair e lethid a
mhaighstireachd air gnothaichean na parlamaid, 's gu robh e comasach,
gun rabhadh fhaotainn roimh laimh, labhairt aig am 's am bith, air
cuspair 's am bith a dh'fhaodadh tighinn air lom, agus ln-cheartais a
thoirt do'n chis. Cha robh ach aon duine eile 's an Taigh, aig an am
sin, a b' urrainn an ni ceudna a dheanamh--Mr. Anglin, nach mairean,
athair a' bhreitheimh ann an Ottawa. Cha'n i slighe shoirbh a tha
trerachadh gu soirbheas; ach "theid an t-anmhunn dichiollach thar an
laidir leisg," agus a rithis, "Is treun fear an elais."

An deidh do'n Rosach bhith aon-bliadhn' deug ann am Parlamaid Chanada,
roghnaich Mr. Mowat e gu bhith 'na Mhinisteir Fhoghluim airson Ontario.
Dh' fhan e 's an dreuchd sin fad s-bliadhna deug--gus a' bhliadhna 1899
'n uair a ghairmeadh e gu bhith 'n a Phriomh uachdaran air a mhor-roinn
so. Mar Mhinisteir Fhoghluim bha e tri bliadhna deug fo ughdarras Mhr.
Mowat, duine a choisinn spis agus earbsa an t-sluaigh, mar dhuine cir,
ceart, curamach. Ri linn-san rinn an Rosach a' chuid bu mhotha 's bu
doirbhe de obair mar Mhinisteir Fhoghluim. 'S e beachd a' chuid mhr an
diugh gu'n do chuir e comharradh ionmholta a mhaireas iomadh la air
sgoilean agus oil-thaighean na tre. Tha mi creidsinn g'um b' e an ni bu
mhotha a rinn e fad a dhreuchd na h-oilthaighean a tharruing ri cheile
ann an Toronto a' ceadachadh do dh'aon oil-thaigh laidir fs suas a'n
ite ireamh de dh' fheadhainn lag a bhith strth airson am beatha.
Nochd e mr thapachd air uairibh an cois a dhleasanais do na sgoilean.
Tha Foghlum na duthcha so ln de dhoirbheachd; cha'n e gnothuch furasda
a th'ann do neach air bith. S' dual d'a comhstrith rach,--Tha
maighstirean sgoile, ministeirean, rd-ollaimh, oileanaich, 's an sluagh
air fad, ioma-bheachdach, agus is dual do gach neach a bhith sparradh a
bheachd fein air a' mhinisteir. Tha e nadurra gu'm biodh tuasaid,
aimhreit, agus droch-fharachdainn ag eirigh 's a bualadh a' mhinisteir
mar a ghaoith chreanndaidh earraich. B'e sin a' chis; agus tha e chum
creideas an Rosaich gu' n d'fhuair e troimh sh bliadhna deug de'n
stoirm le aodach sln air crann an eathair. Dh' fhaodadh neach innseadh
a'n so, 'n am b'fheudar, mu chuid de na nithean dalma, curanta a rinn e,
mu nithean a thug e gu buil mhaith an aghaidh luchd-strth, agus mu
nithean a chum e air an ais, 's a bhac e gu tur, an aghaidh neirt
luchd-tagraidh 's luchd-bagraidh chumhachdach a bhiodh ag iarraidh
nithean nach bu chir daibh. Ach cha ruigear a leas sin a dheanamh.
Sheasadh e roimh Mowat 's a cho luchd-riaghlaidh gun lbadh gln, 's cho
daingean ri carraig, air taobh na crach, mar a chunnaic esan i. Tha so
agam bho dhithis de cho-luchd-riaghlaidh a thug an teisteas dhomh gu
robh e ghnth ag iarraidh an ni a bha ceart a dheanamh. Chaidh innseadh
dhomh leis an rnair a bha comhladh ris r na s-bliadhna deug sin, nach
d' fhalaich e riamh bho shil neach eile aon litir a fhuair e mar
mhinisteir, air gnothaichean nan sgoil. Bha iad fosgailte do neach air
bith aig an robh gnothuch r'an leughadh; air an doigh cheudna, cha robh
ni 's am bith de obair a dh' iarr e a chleith bho chleireach no
oifigeach a bha g'a chuideachadh. Cha b'urrainnear dearbhadh ni b'
fhearr na so fhaotainn nach robh aobhar eagail aige gnothuichean
coitchionn a dhreuchd fheuchainn do'n t-saoghal.

An los a shaothair fhuair e urram na doctaireachd o oil-thaighean Naomh
Aindreis, a'n Alba, na Ban-righinn, agus Toronto, ann an Canada.

Ri linn mar Phriomh-fhear bha suidheachadh na mor-roinne so car
trioblaideach. Bha na Liberals gle fhada air ceann na duthcha, 's bha na
neoil a'cur sgaile throm air an iarmailt. An uair a ghabh an Rosach an
stiir, cha 'n e mhin gu robh stoirm chunnartach a' cruinneachadh air
gach taobh, ach bha'n soitheach fein sean, tulgach, eu-dionach. Cha robh
riaghladh Mhowat aghartach gu bhi fosgladh suas na duthcha, no gu bhi
cur air chois oibre mhra. Bha Mowat ro chrionta mu bhi cur am mach
airgead air leasachadh na tre. Bha e 'n a shr fhear-lagha, cramach,
faicilleach, ach cha robh sgonn ghnothuich air. Mar sin, bha moran
nithean air am fgail gun deanamh, 's bha'n duthaich a' fulang o' n
ghoirt. Bha Mr. Hardy, a lean Mowat, briste 'n a shlinte, ach beag fad
a riaghlaidh, gun chomas moran a dheanamh. Bha'n duthaich ag eigheach am
mach airson oibre, airson leasachadh crannchur, agus chuir an Rosach
aodann an t-soithich, breite mar bha i, ri aghaidh gaoithe. Air a'
chrsa b' iomadh tonn a bhuail oirre, b' iomadh oidhche, dhubh, neulach,
dhorcha a sheas an ceannard air clr, b'iomadh uair bha'n combaist fa
chomhair agus luaidhe ghrunn-aichidh teagamhach 'n a laimh; an drasda 's
a rithis b' fheudar bhi teann ri ceann am fhuairidh, ach sheas e ite,
ghleidh e 'n stiir, is shbhail e 'n luchd bh'air brd. Bha cuid de'n
luchd so ro-luachmhor, mar a bha fosgladh suas Ontario-mu-thuath, agus
an fhurtachd a thug e do dh'oibribh mora Chlergue aig Sault Ste. Marie,
a shbhail iad o bhristeadh; agus am misneachadh a thug e do na
cuideachdan a tha toirt cumhachd-dhealan a uisgean Niagara. Cho luath 's
a ghabh e 'n laimh riaghladh Ontario chuir e am mach deich sgioba do'n
taobh tuath a rannsachadh na duthcha o chrioch Chuibec gu Nepigon 's an
iar. Fhuair iad sin a mach naduir agus gn na duthcha moire sin--gu'n
robh moran fiodh luachmhor ann agus talamh beartach, torach a thogadh
gach seorsa grn agus fhreumh airson bidh dhuine agus ainmhidh. Air dha
so a bhith air a dheanamh soilleir dha, leag e rathad-iarruinn troimh 'n
duthaich chum fhosgladh. A'n crsa na h-oibre fhuaireadh airgead agus
cobalt a'm pailteas mhr, agus leis a so chaidh moran sluaigh gu tuath.
A nis, tha r is airgead agus meinn eile a' toirt a staigh suim a tha
dol gus na muileinean gach bliadhna; agus tha'n comhnard mr creadha a'
gabhail a steach ceudan de theaghlaichean a tha faotainn dachaidhean a'n
sin mar a fhuair na priomh luchd-aiteachaidh roimhe so ann an Ontario mu
dheas. Buinidh cliu an euchd mhoir so do Sheoras Ros, ach cha 'n 'eil
aon ite do'n duthaich r so ris am bheil ainm co-cheangailte mar
chuimhneachan. Tha ainmean Latchford, Engelhardt, Matheson agus Cochrane
gu h-rd urramach 's an taobh tuath, ach cha'n 'eil baile beag no mr,
beann, sliabh, no sruth, air ainmeachadh air an duine a rnaich, a
thisich, 's a thug gu buil, an obair o'n do shruth so uile.

Ach am measg nan gnothaichean neo-dheanta a bha glaodhaich airson
fuasglaidh, cha robh aon aig an am so cho buaireanta ri gnothaich na
stuamachd, 's tha mi'n dil nach fheil aon chupan a dh'l an Rosach r a
mhinisteirleachd a bha cho seirbh rithe so. Bha e air taobh na stuamachd
fad a bheatha. Bha moran chairdean aige air an taobh cheudna, agus bha
dochas aca gu'n seasadh e gu dileas leo. Air an aobhair sin feumar
leudachadh car mionaid air a so.

Ri linn Mhowat, gheall an duine sin do na Stuaimich gu'n deanadh e lagh
an aghaidh a bhith deanamh deoch laidir ann an Ontario, no gu bhith g'a
reic no g'a cheannach,--a'n goirid,--nach biodh malairt na dibhe air a
cheadachadh 's a Mhor-roinn; 'n am biodh e air a dheanamh soilleir le
rd-chuirt Lunnainn gu robh cumhachd aig Parlamaid Ontario
lagh-bachdaidh de'n t-seorsa sin a dheanamh. Rinn ard-chuirt Lunnainn
soilleir gu robh an cumhachd so aig Parlamaidean Mor-roinnean Chanada,
ann an cuis Mhanitoba, agus bha duil aig Stuaimich Ontario an
lagh-bachdaidh fhaotainn. Ach mu'n d' thainig breith Lunnainn a mach,
chaidh Mowat gu Ottawa, agus lon Hardy ite ann an Toronto.
Dh'ath-raich Hardy gealladh Mhowat, ach cha d'fhuair e cothrom a
choimhlionadh. Lean Ros Hardy agus bha na Stuaimich a' cumail a mach gu
robh esan cuideachd ceangailte le gealladh Mhowat agus Hardy. C'arson,
ma ta, nach do choimhlion e an gealladh? 'Nam b' urrainnear a cheisd so
fhuasgladh bheirte air falbh an smal a's duirche th'air cli Shir
Seorais an digh. Tha mi 's an t-suidheachadh so,--gur urrainn domh
mineachadh Shir Seorais fein a thoirt seachad. Chuir mi a cheisd ris la
ann an Ottawa beagan is bliadhna roimhe so. 'S ann mar so a fhreagair e
mi:--"Bha mise gu tur neo-chomasach air gealladh Mhowat agus Hardy a
thoirt gu crich aig an am. Cha robh ni a bha ni b' fhaisge do m'
chridhe, ach bha e do-dheanta. 'S a' cheud ite cha robh an gealladh air
a thoirt leamsa ach le Mowat, agus an deigh sin le Hardy. Tha fhios agam
gu'n do cheangail an gealladh sin co-riaghlairean Mhowat agus na
Liberals, ach cha do cheangail e mise mar aon dhuine idir, do bhrigh
nach b'e mise gu pearsanta a thug an gealladh. Nis, bha is tha mi de'n
bheachd gu'm bu chir do na Liberals an gealladh a choimhlionadh, 's tha
mi creidsinn gu'n dean iad sin fhathasd ma gheibh iad an cothrom,[1] ach
an uair a dh' fheuch mise ri mo cho-riaghladairean 's mo luchd-taic de
na Liberals a cho-eigneachadh gu lagh-bacaidh a thoirt a staigh, dhuilt
iad calg-dhireach sin a dheanamh. Thairg mi mo dhreuchd a leagail sios,
ach cha d' rinn sin feum. Cha robh mi riamh de'n bheachd gu robh e ceart
do dh--uachdran sam bith a bharail fein a spadadh air muinntir eile an
aghaidh an toil. Rinn mise na b' urrainn mi, ach cha robh cumhachd agam
daoine a bha neo-thoileach a dheanamh toileach a dhol leam. Cha 'n e
mise bu chir an uallach so a ghiulain, ach na daoine a dhiult 's a chum
air ais mi 's a' chis. Tha mi deonach mo chuibhrionn dligheach de'n
choire a ghabhail orm fein, ach faodas tu so a chreidsinn, cha'n e mise
bu choireach. Tha iad ag radh nach d'rinn mi mar a rinn Alasdair
MacCoinnich mu chise-marsantachd na duthcha. Tha diurras mhor eadar an
da chuis. Sheas a chuid mhor do chuideachd Mhic-Coinnich leis-san; cha
d'rinneadh sin leam-sa. A bharrachd air sin, cha b' e cis choguis, ach
cis beo-shlainte ris an robh aig MacCoinnich ri dheanamh. Bha e ro
dhiorrasach, ro rag 'na bheachd; cha robh cir no ceart aige feuchainn
ri thoil fhein fhaotainn 'dheoin no dh' aindheoin, 'n uair bha 'n
duthaich dol fs cion don. Cha 'n 'eil an cir so aig duine 's am bith
's an t-saoghal. Chaidh an la seachad anns am faigh riaghladair a thoil
fhein neo-air-thaing do chch. Faodaidh duine tha saor o dhreuchd a
bheachdan fein a bhi aige, ach ann an duthaich a tha fo shaor
riaghlaidh, 's e toil an t-sluaigh, cha'n e toil an uachdarain is cir a
dheanamh."

[Footnote 1: Dh' fheuch iad ri sin a dheanamh 's an Taghadh a'n 1914.]

Dh' fhiosraich mi fein a' chis gu ro-mhionaideach, 's tha mi
smuaineachadh nach urrainn a' mhor-chuid de na Liberals clach a thilgeil
air a chli, 's an ni so. Tha mi creidsinn mar theid uine seachad gu'n
tig an fhior chor gu solus, 's nach bi cin throm ri phaidheadh le
'dheagh-chli.

Bha e air a radh gu'n d'fhan e ro fhada air ceann an riaghlaidh. Tha mi
creidsinn gu'n d'fhan. Tha mi creidsinn gu'm fac' e caochladh a' tighinn
air earbsa an t-sluaigh, 's 'nan robh e saor, nach fhanadh e a'n
cumhachd cho fada 's a dh' fhan e. Ach mar thuirt e fein: "Cha b' ann
leamsa na Liberals b'ann leosan mise. Bha mi 'n am Phriomhfhear, ach b'
ann mar rd-sheirbhiseach, cha b' ann mar Impire na-Gearmailt." Chaidh e
's a' chis so, reir comhairle, cha b' ann a reir a bheachd fhein.

An uair a chaidh e do'n duthaich air an trth mu dheireadh cha robh
traoghadh air a mhisneachd no air a threuntachd. Dh' fhoillsich e cridhe
an leoghain 's a' chath. Bha a bhuadhan air an lasadh le teine
'mhac-mheamna, agus shoillsich a bhriathrachas dubhachas deistinneach na
comhstrith mar dhealraicheas dearrsadh gealaich an fhogharaidh dubhar na
h-oidhche. Bu shluagh mr na Ceiltich 's an am a thriall, 's cha do
chaill iad buaidh fola an sinnsearan fhathasd. Cha b' e gn an fhior
Ghaidheil teicheadh roimh namhaid; "Oir geill cha tug Camashronach
riamh"; geill riamh cha d'thug clanna Chuinn Cheud-chathach, no siol
Olghair nan Lann, no sliochd Chabarfeigh, no clann Diarmaid O'Duinn,
d'an suaicheantas ceann an tuirc; mar sinn nam fineachan eile, na
Rosaich nam measg, 's cha bu dual gu'n leagadh Sir Seoras sios a shleagh
's e be. 'S an taghadh so sheas e a chis, ach beag, 'na aonar, air
beulaibh an t-sluaigh. Cha robh moran de mhaithibh a thaobh fein maille
ris air chuairt. Bha coinneamh an deidh coinneimh aige air feadh na tre
air fad, 's ged bha'n sluagh a' tuiteam air falbh bhuaith cha do chaisg
e aon oidheirp, nior robh coltas sgths air an t-seann each cogaidh no
air a mharcaiche. Thuit e mar thuit na ceudan, ach thuit e 's a' bhlr,
le aghaidh ris an namhaid.

Ann an seomair na Parlamaid bha a thlachd ann an gleadhraich nan teanga.
Bha e geur sgaiteach 'n a bhriathran,--"ealamh, ullamh, aigeannach," mar
tha'n duan. An uair bhiodh deasbud mr air lom, bha e dna, colganta,
rd-bhriathrach. Bha e'n sin 'na ln eileamaid; mar shaighdear 's a'
chogadh, le claidheamh liobharach chinn Ilich 'na dhrn, a teumadh, a
beumadh, 's a bearnadh am bac baidealach ri aghaidh air taobh eile na
cis. Bha gniomh an fhir-chlis aige agus cleas an gatha-builg. Cha robh
aon innleachd an fhir-labhairt air nach robh e 'na mhaighstir, 's b'
ainneamh an t-am nach do choisinn e rd dhuais an fhir-thagair.

Thubhairt mi gu robh e coibhneil do'n bhochd agus foidhidneach fo
thrioblaid. Mar dhuine bochd e fein bha bigh aige do na bochdan agus
bha a lamh 'n a sporran gu minic. Airson moran bhliadhnaichean fhuiling
e pin is doruinn leis a ghreim-lnaidh a bha nimheil is cruaidh ri
ghiulan. Ach bha fhoidhidinn fo'n eucail so ro-iongantach. Bha e
tiorail, blath-chridheach 'n a theaghlach agus ri aghaidh dhaoine. Agus
an uair a bha neach 's am bith comhradh ris bha e cuirteil, eireachdail,
mar gu'm bu phrionns' a bhiodh ann.

Mar Ghaidheal bha e ln-inntinneach, dileas agus fialaidh. Bha e
deidheil air a' Ghaidhlig agus air eachdraidh na Gaidhealtachd air an
robh e mion-eolach. Bha e priseal mu na rinn na Gaidheil do Chanada;
agus beagan mhiosan mu'n do chaochail e dh' iarr e orm a chuideachadh gu
comunn de chlann Rois a chur air chois ann am America. Chaidh so
dheanamh agus chaidh e fein a thaghadh air an ceann. Bu toil leis a bhi
cluinntinn 's a bhi comhradh mu na Gaidheil, agus bha tlachd aige a
bhith 'n am measg. "A chuid de Phras dha." 'S fhada mu'n tig an latha
air nach bi ainm air a mholadh am measg a cho-luchd-duthcha ann an
Canada.




                        Transcriber's Notes

Hyphenation, spelling and grammar have been preserved as in the original
with the following exceptions.

Page  3, An deidh na sthe fhuair ==> An deidh na sthe fhuair
Page  3, Shoirbhich leo is dh' fhs ==> Shoirbhich leo is dh'fhs
Page  7, Mar a dh-fhs e suas chaidh ==> Mar a dh'fhs e suas chaidh
Page  7, air a' bheurla Shasunnach ==> air a' Bheurla Shasunnach
Page 11, bhth e'n cmp. ==> bhth e'n camp.
Page 18, tighinn dha na thr ==> tighinn dha na thri
Page 23, a bheurla Shasunnach ==> a Bheurla Shasunnach
Page 29, Tearlach MacCoinnich. ==> Terlach MacCoinnich.
Page 31, 'Sa bhliadhua so--1867 ==> 'Sa bhliadhna so--1867
Page 34, gu bhi riagladh thairis ==> gu bhi riaghladh thairis
Page 34, Dh' fhs an cirdeas ==> Dh'fhs an cirdeas
Page 46, so a dh-obraich cho ==> so a dh'obraich cho
Page 54, dh--uachdran sam bith ==> dh'uachdran sam bith





End of the Project Gutenberg EBook of Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam
Ross, by Alexander Fraser

*** END OF THIS PROJECT GUTENBERG EBOOK GEARR-SGEOIL AIR SIR SEORAS ***

***** This file should be named 39849-8.txt or 39849-8.zip *****
This and all associated files of various formats will be found in:
        http://www.gutenberg.org/3/9/8/4/39849/

Produced by David T. Jones, James Wright, Michael Bauer
of Gaelic translation services www.akerbeltz.com, Ross
Cooling and the Online Distributed Proofreading Canada
Team at http://www.pgdpcanada.net


Updated editions will replace the previous one--the old editions
will be renamed.

Creating the works from public domain print editions means that no
one owns a United States copyright in these works, so the Foundation
(and you!) can copy and distribute it in the United States without
permission and without paying copyright royalties.  Special rules,
set forth in the General Terms of Use part of this license, apply to
copying and distributing Project Gutenberg-tm electronic works to
protect the PROJECT GUTENBERG-tm concept and trademark.  Project
Gutenberg is a registered trademark, and may not be used if you
charge for the eBooks, unless you receive specific permission.  If you
do not charge anything for copies of this eBook, complying with the
rules is very easy.  You may use this eBook for nearly any purpose
such as creation of derivative works, reports, performances and
research.  They may be modified and printed and given away--you may do
practically ANYTHING with public domain eBooks.  Redistribution is
subject to the trademark license, especially commercial
redistribution.



*** START: FULL LICENSE ***

THE FULL PROJECT GUTENBERG LICENSE
PLEASE READ THIS BEFORE YOU DISTRIBUTE OR USE THIS WORK

To protect the Project Gutenberg-tm mission of promoting the free
distribution of electronic works, by using or distributing this work
(or any other work associated in any way with the phrase "Project
Gutenberg"), you agree to comply with all the terms of the Full Project
Gutenberg-tm License available with this file or online at
  www.gutenberg.org/license.


Section 1.  General Terms of Use and Redistributing Project Gutenberg-tm
electronic works

1.A.  By reading or using any part of this Project Gutenberg-tm
electronic work, you indicate that you have read, understand, agree to
and accept all the terms of this license and intellectual property
(trademark/copyright) agreement.  If you do not agree to abide by all
the terms of this agreement, you must cease using and return or destroy
all copies of Project Gutenberg-tm electronic works in your possession.
If you paid a fee for obtaining a copy of or access to a Project
Gutenberg-tm electronic work and you do not agree to be bound by the
terms of this agreement, you may obtain a refund from the person or
entity to whom you paid the fee as set forth in paragraph 1.E.8.

1.B.  "Project Gutenberg" is a registered trademark.  It may only be
used on or associated in any way with an electronic work by people who
agree to be bound by the terms of this agreement.  There are a few
things that you can do with most Project Gutenberg-tm electronic works
even without complying with the full terms of this agreement.  See
paragraph 1.C below.  There are a lot of things you can do with Project
Gutenberg-tm electronic works if you follow the terms of this agreement
and help preserve free future access to Project Gutenberg-tm electronic
works.  See paragraph 1.E below.

1.C.  The Project Gutenberg Literary Archive Foundation ("the Foundation"
or PGLAF), owns a compilation copyright in the collection of Project
Gutenberg-tm electronic works.  Nearly all the individual works in the
collection are in the public domain in the United States.  If an
individual work is in the public domain in the United States and you are
located in the United States, we do not claim a right to prevent you from
copying, distributing, performing, displaying or creating derivative
works based on the work as long as all references to Project Gutenberg
are removed.  Of course, we hope that you will support the Project
Gutenberg-tm mission of promoting free access to electronic works by
freely sharing Project Gutenberg-tm works in compliance with the terms of
this agreement for keeping the Project Gutenberg-tm name associated with
the work.  You can easily comply with the terms of this agreement by
keeping this work in the same format with its attached full Project
Gutenberg-tm License when you share it without charge with others.

1.D.  The copyright laws of the place where you are located also govern
what you can do with this work.  Copyright laws in most countries are in
a constant state of change.  If you are outside the United States, check
the laws of your country in addition to the terms of this agreement
before downloading, copying, displaying, performing, distributing or
creating derivative works based on this work or any other Project
Gutenberg-tm work.  The Foundation makes no representations concerning
the copyright status of any work in any country outside the United
States.

1.E.  Unless you have removed all references to Project Gutenberg:

1.E.1.  The following sentence, with active links to, or other immediate
access to, the full Project Gutenberg-tm License must appear prominently
whenever any copy of a Project Gutenberg-tm work (any work on which the
phrase "Project Gutenberg" appears, or with which the phrase "Project
Gutenberg" is associated) is accessed, displayed, performed, viewed,
copied or distributed:

This eBook is for the use of anyone anywhere at no cost and with
almost no restrictions whatsoever.  You may copy it, give it away or
re-use it under the terms of the Project Gutenberg License included
with this eBook or online at www.gutenberg.org

1.E.2.  If an individual Project Gutenberg-tm electronic work is derived
from the public domain (does not contain a notice indicating that it is
posted with permission of the copyright holder), the work can be copied
and distributed to anyone in the United States without paying any fees
or charges.  If you are redistributing or providing access to a work
with the phrase "Project Gutenberg" associated with or appearing on the
work, you must comply either with the requirements of paragraphs 1.E.1
through 1.E.7 or obtain permission for the use of the work and the
Project Gutenberg-tm trademark as set forth in paragraphs 1.E.8 or
1.E.9.

1.E.3.  If an individual Project Gutenberg-tm electronic work is posted
with the permission of the copyright holder, your use and distribution
must comply with both paragraphs 1.E.1 through 1.E.7 and any additional
terms imposed by the copyright holder.  Additional terms will be linked
to the Project Gutenberg-tm License for all works posted with the
permission of the copyright holder found at the beginning of this work.

1.E.4.  Do not unlink or detach or remove the full Project Gutenberg-tm
License terms from this work, or any files containing a part of this
work or any other work associated with Project Gutenberg-tm.

1.E.5.  Do not copy, display, perform, distribute or redistribute this
electronic work, or any part of this electronic work, without
prominently displaying the sentence set forth in paragraph 1.E.1 with
active links or immediate access to the full terms of the Project
Gutenberg-tm License.

1.E.6.  You may convert to and distribute this work in any binary,
compressed, marked up, nonproprietary or proprietary form, including any
word processing or hypertext form.  However, if you provide access to or
distribute copies of a Project Gutenberg-tm work in a format other than
"Plain Vanilla ASCII" or other format used in the official version
posted on the official Project Gutenberg-tm web site (www.gutenberg.org),
you must, at no additional cost, fee or expense to the user, provide a
copy, a means of exporting a copy, or a means of obtaining a copy upon
request, of the work in its original "Plain Vanilla ASCII" or other
form.  Any alternate format must include the full Project Gutenberg-tm
License as specified in paragraph 1.E.1.

1.E.7.  Do not charge a fee for access to, viewing, displaying,
performing, copying or distributing any Project Gutenberg-tm works
unless you comply with paragraph 1.E.8 or 1.E.9.

1.E.8.  You may charge a reasonable fee for copies of or providing
access to or distributing Project Gutenberg-tm electronic works provided
that

- You pay a royalty fee of 20% of the gross profits you derive from
     the use of Project Gutenberg-tm works calculated using the method
     you already use to calculate your applicable taxes.  The fee is
     owed to the owner of the Project Gutenberg-tm trademark, but he
     has agreed to donate royalties under this paragraph to the
     Project Gutenberg Literary Archive Foundation.  Royalty payments
     must be paid within 60 days following each date on which you
     prepare (or are legally required to prepare) your periodic tax
     returns.  Royalty payments should be clearly marked as such and
     sent to the Project Gutenberg Literary Archive Foundation at the
     address specified in Section 4, "Information about donations to
     the Project Gutenberg Literary Archive Foundation."

- You provide a full refund of any money paid by a user who notifies
     you in writing (or by e-mail) within 30 days of receipt that s/he
     does not agree to the terms of the full Project Gutenberg-tm
     License.  You must require such a user to return or
     destroy all copies of the works possessed in a physical medium
     and discontinue all use of and all access to other copies of
     Project Gutenberg-tm works.

- You provide, in accordance with paragraph 1.F.3, a full refund of any
     money paid for a work or a replacement copy, if a defect in the
     electronic work is discovered and reported to you within 90 days
     of receipt of the work.

- You comply with all other terms of this agreement for free
     distribution of Project Gutenberg-tm works.

1.E.9.  If you wish to charge a fee or distribute a Project Gutenberg-tm
electronic work or group of works on different terms than are set
forth in this agreement, you must obtain permission in writing from
both the Project Gutenberg Literary Archive Foundation and Michael
Hart, the owner of the Project Gutenberg-tm trademark.  Contact the
Foundation as set forth in Section 3 below.

1.F.

1.F.1.  Project Gutenberg volunteers and employees expend considerable
effort to identify, do copyright research on, transcribe and proofread
public domain works in creating the Project Gutenberg-tm
collection.  Despite these efforts, Project Gutenberg-tm electronic
works, and the medium on which they may be stored, may contain
"Defects," such as, but not limited to, incomplete, inaccurate or
corrupt data, transcription errors, a copyright or other intellectual
property infringement, a defective or damaged disk or other medium, a
computer virus, or computer codes that damage or cannot be read by
your equipment.

1.F.2.  LIMITED WARRANTY, DISCLAIMER OF DAMAGES - Except for the "Right
of Replacement or Refund" described in paragraph 1.F.3, the Project
Gutenberg Literary Archive Foundation, the owner of the Project
Gutenberg-tm trademark, and any other party distributing a Project
Gutenberg-tm electronic work under this agreement, disclaim all
liability to you for damages, costs and expenses, including legal
fees.  YOU AGREE THAT YOU HAVE NO REMEDIES FOR NEGLIGENCE, STRICT
LIABILITY, BREACH OF WARRANTY OR BREACH OF CONTRACT EXCEPT THOSE
PROVIDED IN PARAGRAPH 1.F.3.  YOU AGREE THAT THE FOUNDATION, THE
TRADEMARK OWNER, AND ANY DISTRIBUTOR UNDER THIS AGREEMENT WILL NOT BE
LIABLE TO YOU FOR ACTUAL, DIRECT, INDIRECT, CONSEQUENTIAL, PUNITIVE OR
INCIDENTAL DAMAGES EVEN IF YOU GIVE NOTICE OF THE POSSIBILITY OF SUCH
DAMAGE.

1.F.3.  LIMITED RIGHT OF REPLACEMENT OR REFUND - If you discover a
defect in this electronic work within 90 days of receiving it, you can
receive a refund of the money (if any) you paid for it by sending a
written explanation to the person you received the work from.  If you
received the work on a physical medium, you must return the medium with
your written explanation.  The person or entity that provided you with
the defective work may elect to provide a replacement copy in lieu of a
refund.  If you received the work electronically, the person or entity
providing it to you may choose to give you a second opportunity to
receive the work electronically in lieu of a refund.  If the second copy
is also defective, you may demand a refund in writing without further
opportunities to fix the problem.

1.F.4.  Except for the limited right of replacement or refund set forth
in paragraph 1.F.3, this work is provided to you 'AS-IS', WITH NO OTHER
WARRANTIES OF ANY KIND, EXPRESS OR IMPLIED, INCLUDING BUT NOT LIMITED TO
WARRANTIES OF MERCHANTABILITY OR FITNESS FOR ANY PURPOSE.

1.F.5.  Some states do not allow disclaimers of certain implied
warranties or the exclusion or limitation of certain types of damages.
If any disclaimer or limitation set forth in this agreement violates the
law of the state applicable to this agreement, the agreement shall be
interpreted to make the maximum disclaimer or limitation permitted by
the applicable state law.  The invalidity or unenforceability of any
provision of this agreement shall not void the remaining provisions.

1.F.6.  INDEMNITY - You agree to indemnify and hold the Foundation, the
trademark owner, any agent or employee of the Foundation, anyone
providing copies of Project Gutenberg-tm electronic works in accordance
with this agreement, and any volunteers associated with the production,
promotion and distribution of Project Gutenberg-tm electronic works,
harmless from all liability, costs and expenses, including legal fees,
that arise directly or indirectly from any of the following which you do
or cause to occur: (a) distribution of this or any Project Gutenberg-tm
work, (b) alteration, modification, or additions or deletions to any
Project Gutenberg-tm work, and (c) any Defect you cause.


Section  2.  Information about the Mission of Project Gutenberg-tm

Project Gutenberg-tm is synonymous with the free distribution of
electronic works in formats readable by the widest variety of computers
including obsolete, old, middle-aged and new computers.  It exists
because of the efforts of hundreds of volunteers and donations from
people in all walks of life.

Volunteers and financial support to provide volunteers with the
assistance they need are critical to reaching Project Gutenberg-tm's
goals and ensuring that the Project Gutenberg-tm collection will
remain freely available for generations to come.  In 2001, the Project
Gutenberg Literary Archive Foundation was created to provide a secure
and permanent future for Project Gutenberg-tm and future generations.
To learn more about the Project Gutenberg Literary Archive Foundation
and how your efforts and donations can help, see Sections 3 and 4
and the Foundation information page at www.gutenberg.org


Section 3.  Information about the Project Gutenberg Literary Archive
Foundation

The Project Gutenberg Literary Archive Foundation is a non profit
501(c)(3) educational corporation organized under the laws of the
state of Mississippi and granted tax exempt status by the Internal
Revenue Service.  The Foundation's EIN or federal tax identification
number is 64-6221541.  Contributions to the Project Gutenberg
Literary Archive Foundation are tax deductible to the full extent
permitted by U.S. federal laws and your state's laws.

The Foundation's principal office is located at 4557 Melan Dr. S.
Fairbanks, AK, 99712., but its volunteers and employees are scattered
throughout numerous locations.  Its business office is located at 809
North 1500 West, Salt Lake City, UT 84116, (801) 596-1887.  Email
contact links and up to date contact information can be found at the
Foundation's web site and official page at www.gutenberg.org/contact

For additional contact information:
     Dr. Gregory B. Newby
     Chief Executive and Director
     gbnewby@pglaf.org

Section 4.  Information about Donations to the Project Gutenberg
Literary Archive Foundation

Project Gutenberg-tm depends upon and cannot survive without wide
spread public support and donations to carry out its mission of
increasing the number of public domain and licensed works that can be
freely distributed in machine readable form accessible by the widest
array of equipment including outdated equipment.  Many small donations
($1 to $5,000) are particularly important to maintaining tax exempt
status with the IRS.

The Foundation is committed to complying with the laws regulating
charities and charitable donations in all 50 states of the United
States.  Compliance requirements are not uniform and it takes a
considerable effort, much paperwork and many fees to meet and keep up
with these requirements.  We do not solicit donations in locations
where we have not received written confirmation of compliance.  To
SEND DONATIONS or determine the status of compliance for any
particular state visit www.gutenberg.org/donate

While we cannot and do not solicit contributions from states where we
have not met the solicitation requirements, we know of no prohibition
against accepting unsolicited donations from donors in such states who
approach us with offers to donate.

International donations are gratefully accepted, but we cannot make
any statements concerning tax treatment of donations received from
outside the United States.  U.S. laws alone swamp our small staff.

Please check the Project Gutenberg Web pages for current donation
methods and addresses.  Donations are accepted in a number of other
ways including checks, online payments and credit card donations.
To donate, please visit:  www.gutenberg.org/donate


Section 5.  General Information About Project Gutenberg-tm electronic
works.

Professor Michael S. Hart was the originator of the Project Gutenberg-tm
concept of a library of electronic works that could be freely shared
with anyone.  For forty years, he produced and distributed Project
Gutenberg-tm eBooks with only a loose network of volunteer support.

Project Gutenberg-tm eBooks are often created from several printed
editions, all of which are confirmed as Public Domain in the U.S.
unless a copyright notice is included.  Thus, we do not necessarily
keep eBooks in compliance with any particular paper edition.

Most people start at our Web site which has the main PG search facility:

     www.gutenberg.org

This Web site includes information about Project Gutenberg-tm,
including how to make donations to the Project Gutenberg Literary
Archive Foundation, how to help produce our new eBooks, and how to
subscribe to our email newsletter to hear about new eBooks.

